Ouagadougou

O Uicipeid
Ouagadougou
Suidheachadh
Dùthaich Buircina Fhaso
Ceàrn Centre Region
Sgìre Kadiogo
Co-chomharran 12° 22’ 13" Tuath
1° 20’ 29" Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,805 km²
Àireamh-shluaigh 1,523,980 (2006)
Dlùths 543.31/km²

'S e prìomh-bhaile Bhuircina Fhaso a tha ann an Ouagadougou, ainm goirid: Ouaga. Anns a' bhliadhna 2006 bha 1,181,702 duine [1] a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Mar sin dheth 's e am baile as motha a tha anns an dùthaich seo. Tha Ouagadougou suidhichte air àrd-thìr ann am meadhan na dùthcha. Tha Ouagadougou 772km air falbh bho Accra (Gàna), 756km bho Lomé (Togo), 742km bho Yamoussoukro (Costa Ìbhri), 414km bho Niamey (Niger), 703km bho Bhamako (Mali) agus 798km bho Cotonou Benin).[2] Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, aig 307m os cionn ìre na mara.[3]

'S e teas meadhan malairteach 's gnìomhachail a th' ann. Bha an Ouagadougou grand market, aon de na blàr-fèillean as motha air feadh Afraga-an-Iar, suidhichte an seo cuideachd. Ach chaidh an losgadh ann am 2003 agus tha e dùinte fhathast.

Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann ris an chanar Ouagadougou Airport. Tha rathad-iarainn ann an Ouagadougou cuideachd, tha am baile ceangailte le Abidjan ann an Costa Ìbhri agus Kaya ann an taobh tuath Burkina Faso. Tha rathad mòr ann gu Niamey, prìomh-bhaile Nìgeir.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. National 2006 census preliminary results [1]
  2. Distance Calculator
  3. Mongabay
  4. TwinCities Nederland
  5. Comhairle Bhaile Québec

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: