Jump to content

Àrd-thìr

O Uicipeid
Monte Roraima ann an Venezuela

'S e ceàrn de thìr àrd a th' ann an àrd-thìr ann an geo-eòlas agus eòlas na cruinne a tha, mar is àbhaist, gu ìre mhòr còmhnard, rèidh, dùthchail.


'S e ceàrn mhòr de thìr àrd a tha gu ìre mhòr còmhnard a th' ann an àrd-thìr. Tha e sgaraichte bhon talamh mun cuairt air le leòidean casa (mar ann an Tibeat), no ri càrnadh grùid, no ri co-mheasgachadh dhen dà chuid (mar an Altiplano Andean).

Bidh àrd-thìrean gan cruthachadh nuair a bhios tìr còmhnard air a thogail le tectonic-beòthaileachd, agus an uairsin air a chreimeadh leis a' ghaoth no leis an uisge.

Tha àrd-thìrean a' còmhdachadh mu 45 sa cheud de uachdar na cruinne.


Eisimpleirean

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e Chang Tang ann an Tibeat,air a bheil "mullach an t-saoghail", an t-àrd-thìr as motha agus as àirde sa chruinne agus thathas a' cruthachadh fhathast e, air sgàth mar a bhios na pleataichean tectonaich Innseanach is Eòraisianach an aghaidh a chèile.

'S e Altiplano Andianach an dàrna fear as motha 's as àirde air an liosta, aig 3600-4000 meatairean a dh' àirde, suidhichte taobh a-staigh na Meadhan-Andianaich agus a' gabhail a-steach Loch Titicaca.

Àrd-thìrean Cuanach

[deasaich | deasaich an tùs]

Thathas a' cleachdadh àrd-thìr gus dealbh a thoirt air cruitheachdan geo-eòlasach fon t-sàl. Tha cuid de àrd-thìrean fon t-sàl, leithid an t-àrd-thìr Seychelles, nan spealgan de rùsg mòr-thìreach a tha nan laighe sgaraichte bho mòr-thìrean. Tha iadsan co-fhreagarrach ri sgeilpean mhòr-thìreach; tha cuid eile leithid Àrd-thìr Java Ontong, nan roinnean mhòr theinntidh, air an dèanamh à tuiltean-bhasailt.

Àrd-thìrean geàrrta

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e àrd-thìr gu mòr air a chreimeadh a th' ann an àrd-thìr geàrrta. Tha na h-àrdachaidhean nas sìne ud air an creimeadh le geòdhachan agus aibhnichean gus faochadh cas car coltach ri beanntan a chruthachadh. Thathas a' cantainn "beanntan" ri iomadach ceàrn de Àrd-thìr Allegheny agus Àrd-thìr Cumberland, a tha aig oir an iar Beanntan Appalachianach ann an taobh an ear Aimeireaga a Tuath, ged 's e àrd-thìrean geàrrta a th' annta ann an da-rìreabh. 'S urrainnear a bhith a' seasamh air "beinn" àrd agus fainear a thoirt gur ann aig an aon àirde 's a tha na mullaichean uile eile; rud a tha a' riochdachadh an còmhnard bho thùs mun deach a thogail.