Brazzaville

O Uicipeid
Brazzaville
Suidheachadh
Dùthaich A' Chongo
Ceàrn Brazzaville
Co-chomharran 4° 16' Deas
15° 17' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 100 km²
Àireamh-shluaigh 1,262,000 (2007)
Dlùths 12,620/km²

'S e prìomh-bhaile na Congo a tha ann am Brazzaville. Tha e suidhichte taobh tuath air bruach an Abhainn Congo. Anns a’ bhliadhna 2007 bha 1,262,000 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin agus mu 1.5 millean san fharsaingeachd a’ bhaile gu lèir. Chaidh Brazzaville a stèidheachdadh leis an rannsachair frangach Pierre Savorgnan de Brazza anns a’ bhliadhna 1880. Tha 1/3 de na daoine anns a' Chongo a’ fuireach anns a’ bhaile seo. Uaireanan canar Congo-Brazzaville ri Brazzavile, airson eadar-dhealachadh ri Congo-Kinshasa, prìomh-bhaile Poblachd Dheamocrach na Congo, a tha suidhichte deas air an Abhainn Congo. Tha Brazzaville 8km air falbh bho Khinshasa (Poblachd Dheamocrach na Congo), 829km bho Libreville (Gabon), 1,027km bho Bhangui (Poblachd Meadhan Afraga) agus 996km bho Yaoundé (Camarun).[1] Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 172m os cionn ìre na mara.[2]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

  • Jean Malonga: (1907 – ) Sgrìobhadair.
  • Emmanuel Damongo-Dadet: (19141973) Neach-poileataigs, Tosgair.
  • Patience Marie Josephine Kama Dabany: (19441977) Ceòladair, Neach-poileataigs.
  • Victor N'Gembo-Mouanda: (1969 – ) Sgrìobhadair.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
  3. http://www.dresden01.de/2009/01/partnerstadte-dresden-1157 Stadt Dresden]
  4. Sister Cities International
  5. Sister Cities International
  6. Allgemeine Zeitung
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: