Thessaloniki
Cur air cois | 315 BCE |
---|---|
Ainm oifigeil | Θεσσαλονίκη |
Ainm dùthchasach | Θεσσαλονίκη |
Ainmichte às dèidh | Thessalonike of Macedon |
Cànan oifigeil | Grèigis |
Dùthaich | A' Ghrèig |
Sgìre riaghaltais ionadail | Thessaloniki Municipality |
Faisg air an uisge | Thermaic Gulf |
Suidheachadh cruinn-eòlais | Macedonia |
Domhan-leud is -fhad | 40°38′25″N 22°56′8″E |
Ceannard an riaghaltais | Stelios Aggeloudis |
Crìoch còmhla ri | Thermaic Gulf, Triandria, Kalamaria |
Language used | Grèigis, Pontic Greek |
Duais a fhuair e | Erasmus Destination of the Year |
Cód a’ phuist | 530–539, 54015–54655, 56404 |
Làrach-lìn | https://thessaloniki.gr/ |
Bratach | flag of Thessaloniki |
History of topic | history of Thessaloniki |
Patron saint | Demetrius of Thessaloniki |
Economy of topic | economy of Thessaloniki |
Ciad iomradh sgrìobhte | 4. century BCE |
Cód fónaichean-talmhainn | 231 |
Roinn-seòrsa an deilbh | Category:Views of Thessaloniki |
Category for maps or plans | Category:Maps of Thessaloniki |
'S e baile mòr, port agus sgìreachd (Greugais: Περιφερειακή ενότητα) ann an ceann a tuath Poblachd na Grèige a th' ann an Thessaloniki (IPA: θesaloˈnici, Greugais: Θεσσαλονίκη, Turcais: Selanik). Tha Thessaloniki suidhichte faisg air Sindos, air costa na Mara Àigeanaiche, eadar Larissa agus Kavala san roinn (Greugais: Περιφέρεια) Κεντρικής Μακεδονίας (Meadhan Mhasadòinia), ri taobh Camas Thermatikos (Greugais: Θερμαϊκός Κόλπος), aig 250m os cionn ìre na mara. Tha 385,406 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an dara bhaile as motha na dùthcha a th' ann agus an treas baile na Mara Àigeanaiche cuideachd, an dèidh na h-Àithne agus İzmir.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a stèidheachadh mu 315 ro Ìosa Crìosd leis an righ Kassandros Antipatrou à Macedon.[2] 'S ann às an ainm Thessalía (Greugais: Θεσσαλία) a bha na sgìre agus nike (buadhmhor) a th' ann am Thessaloniki. Bheireadh sin Thessalía Bhuadhmhor dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Canadh Homer Aeolia (Greugais: Αἰολία) ris an àite.[3] Thuit am baile dha na Ròmanaich ann an 168 ro Ìosa Crìosd agus bha e na bhaile saor fodhpa bho 41 ro Ìosa Crìosd a-mach. Dh'fhàs am baile gu math beairteach tro mhalairt air an t-slighe Egnatia (Greugais: Ἐγνατία Ὁδός) eadar Dyrrachium agus Byzantium.[4] Ràinig Crìosdaidheachd dhan dùthaich sa 1 Linn agus chèilidh Pòl à Tarsus air a' bhaile, mar a chithear ann an Gnìomharra nan Abstol.[5] B' ann ann an seo a dhealbhadh an Aibidil Cirileach. Roinneadh Leas-Rìoghachd Illyricum (Laideann: Praefectura praetorio per Illyricum) ann an dà dheth ann an 379 agus chaidh Thessaloniki ainmeachadh na phrìomh-bhaile. Nuair a thuit Impireachd na Roimh a-mach às a chèile ann an 476 ghabh Thessaloniki ri an Impireachd Bheasantian far an robh e gu ruige 1204, nuair a ràinig na ridir-croise. Gabh Impireachd nan Otomanach thairis air a' bhaile ann an 1430.[6] Thoisich Ar-amach nan Tuirceach Òga (Turcais: Jön Türk Devrimi) an seo ann an 1908.[7] Chuireadh na Tuircich agus na Muslamaich a-mach às a' bhaile agus an dùthaich ann an 1923.[8]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Al-Iskandariyyah
- Bologna
- Bratislava
- Busan
- Constanța
- Durrës
- Kolkata
- Köln
- Korçë
- San Francisco (Calafòrnia)
- Leipzig
- Limassol
- Marseille
- Melbourne
- Nice
- Plovdiv
- Hartford (Connecticut)
- Tel Aviv
- Tianjin
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Cunntas-sluaigh na Stàite
- ↑ Richard Wallace, Wynne Williams, The Three Worlds of Paul of Tarsus, Taylor & Francis, 2007
- ↑ Spark
- ↑ Amore, M G, L Bejko, Y Cerova, and I Gjipali. 2005. "Archaeological Reports and Notes - Via Egnatia (Albania) Project: Results of Fieldwork 2002". Journal of Roman Archaeology. 18: 336.
- ↑ Bible
- ↑ Nicol, Donald M. (1992). Byzantium and Venice: A Study in Diplomatic and Cultural Relations. Cambridge University Press. p. 371. ISBN 0-521-42894-7
- ↑ Necmettin Alkan: Selanik'in Yükselişi, Timaş Yayınları, 2012, ISBN: 9786050804348
- ↑ Dimitri Pentzopoulos: The Balkan Exchange of Minorities and Its Impact Upon Greece, Hurst, Lunnainn, 2002
- ↑ Kemal Anzac. 1998. Memories of Atatürk. Revolution Bookstore. d. 54. ISBN: 975-10-1392-5