Mustafa Kemal Atatürk
B' e ceann-suidhe na Tuirce a bha ann am Mustafa Kemal Atatürk (IPA: mustaˈfa ceˈmal aˈtaˌtyɾc, Selânik 19 an Cèitean 1881 - Istanbul 10 an t-Samhain 1938). Stèidhich e Poblachd na Tuirce agus b' e a' chiad ceann-suidhe a bh' ann. Rugadh Atatürk anns a' bhaile Otomanach Salonika (Turcais: Selânik), ris an canar Thessaloniki, a' Ghrèig san latha an-diugh. B' iad a phàrantan Ali Rıza Efendi agus Zübeyde Hanım agus rugadh e leis an ainm Ali Rıza oğlu Mustafa. Bha Atatürk a-measg an fheadhainn a stèidhich Pàrtaidh Poblachdach nan Daoine (Turcais: Cumhuriyet Halk Partisi), am pàrtaidh as aosta na dùthcha.[1] Chaidh a sloinneadh, Atatürk (a' ciallachadh "Athair nan Turcach"), a thoirt dha ann an 1934 leis a' Phàrlamaid Turcach agus chaidh a chasg do dhuine sam bith eile.[2] Chaochail e le caitheamh a' ghrùthain.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Cumhuriyet Halk Partisi
- ↑ Kemal Anzac. 1998. Memories of Atatürk. Revolution Bookstore. d. 54. ISBN: 975-10-1392-5.
- ↑ Cavendish, Richard (An t-Samhain 2013): “Mustafa Kemal dies in Istanbul,” ann an: History Today, leabhar 63, àir. 11. Air a thogail 19mh dhen Chèitean 2018.