Ioslam

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Allah.svg
Ioslam
Stèidhichte 622
Dia Allah
Cànan Cràbhach Arabais
Baile Cràbhach Mecca
Leabhraichean Cràbhach An Coran
Neach-stèidheachaidh Muhammad
Thòisich An Ear Mheadhanach
Dùthchannan as trèasa Flag of Indonesia.svg Indonesia
Flag of Pakistan.svg Pagastan
Flag of Bangladesh.svg Bangladais
Flag of Nigeria.svg Nìgeiria
Flag of Egypt.svg An Eipheit
Flag of Iran.svg Iran
Flag of Turkey.svg An Tuirc
Flag of Sudan.svg Sudan
Flag of Algeria.svg Aildiria
Flag of Morocco.svg Maroco

'S e creideamh a tha ann an Ioslam (Arabais: الإسلام) a thoisich Mohammad.

Sgaoil Ioslaim[deasaich | edit source]

Anns a' chiad sia linn de dh'eachdraidh Ioslaim 'se aon de na rudan is mothachail an stri eadar an creideamh ùr ud agus an fheadhainn eile (Crìosdaidheachd agus creideamh Soroaster ann am Persia) a chaill torr is barrachd talamh ris ann an cogaidhean an deidh dha Mohammad agus an sluagh aige toiseachadh air ceannairc an aghaidh na duthchannan mun cuairt. Anns am bliadhna 600 bha dà Impireachd mhòr, shean agus cumhachdach gun teagamh air gach taobh den roinn ris an canar an Ear Mheadhanach san latha an diugh;

'S e a chiad fear an impireachd Roimh Earrach, ris an canar 'Byzantium' mar is tric, leis am priomh baile Constantinople (Istanbul anns an Tuirc san latha an diugh). Ged a thuit an Ròimh agus an impireachd anns an Iar fo sgrios na sean Ghearmailtich, no Goths, bha am pairt seo den impireachd ainmeil ud fhathast beo, laidir agus dha riribhh cha mhòr cho cumhachdach ris an Roimh aig am sam bith de dh'eachdraidh. Nas fhada fhathast gu Sear bha Impireachd Phersia, no Iran, ris an canar an Impireachd Sassanid mar is tric. Be seo duthaich eile le eachdraidh a cheairt cho aosd ris an Roimh agus gu dearbh tha e duilich am sam bith a lorg an eachdraidh 'nuair nach robh an da impireachd mòr seo a cogadh an aghaidh a cheile. Aig an àm seo bha Afraga a Tuath, gu h-araid an Eipheit, an talamh far a bheil an Tuirc san latha an diugh, a' Ghreig, taobh a deas an Eadailt agus oirthir am meadhan ear fo smachd Constantinople.

Ceangal a-mach[deasaich | edit source]

Dealbhan[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]