Aràibia nan Sabhd
| المملكة العربية السعودية al-Mamlaka al-‘Arabiyya as-Su’ūdiyya |
|
|---|---|
Bratach |
Gearradh-arm |
| Laoidh Nàiseanta | |
| "Aash Al Maleek" "Guma fada beò an Rìgh" |
|
| Sluagh-ghairm nàiseanta | |
| "Chan eil dia ach Dia; 's e Muhammad a Theachdaire" (an Kalima) | |
| Cànan(an) oifigeil | Arabais |
| Prìomh-bhaile | Riyadh |
| Baile as motha | Riyadh |
| Riaghaltas | Monarcachd |
| Rìgh | Abdullah bin Abdul Aziz |
| Prionnsa | Sultan bin Abdul Aziz |
| Stèidheachadh | |
| Rìoghachd | 8mh, am Faoilteach 1926 |
| Ainichte | 20mh, an Cèitean 1927 |
| Aonaichte | 23mh, an t-Sultain 1932 |
| Farsaingeachd | |
| Iomlan | 2,149,690 km² (14mh) |
| Àireamh-shluaigh (2007) | |
| Iomlan | 27,601,038 (46mh) |
| Dlùths | 11/km² (205mh) |
| LTD/CCC (2007) | |
| Iomlan | $446 billean (27mh) |
| gach pearsa | $21,200 (41mh) |
| Roinn tìde | AST (UTC+3) |
| Ruith-airgid | Riyal |
| Eadar-lìon TLD | .sa |
| Còd Àireamh fòn | 966 |
'S e dùthaich ann an Àisia a tha ann an Aràibia nan Sabhd[1] neo Aràbia Saudach[2][3] neo Saudi Arabia[4][5] neo Aràibia Saudach [6]
'S e an rìoghachd as motha air a Rubha Arabach agus am prìomh dùthaich airson peatrol a reic a-null thairis. Ann a 1932 fhuair na trì prìomh sgìrean Al-Hasa, an Nejd agus an Hejaz an t-ainm Rìoghachd Aràibia nan Sabhd. Tha crìochan aige le Iòrdan, Ioràc, Cubhait, Catar, Bachrain, leis na h-Iomaratan Arabach Aonaichte, Omàn agus leis an Eaman. Tha an Camas Peirseanach san ear-thuath air agus tha am Muir Ruadh iar air.
Tha Riyadh na prìomh-bhaile agus 's e Jeddah an dàrna baile as motha a th' ann.
Uaireannan canar "Dùthaich an dà Mhosg" rithe, a-rèir na dà àitichean as cudthromaiche anns an t-saoghal Ioslamach, Mecca agus Medina.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Dùthchannan ag SMO
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]
- Fiosrachadh mu chultar Aràibia nan Sabhd
- BBC - Aràibia nan Sabhd
- CIA World Factbook - Aràibia nan Sabhd