Hionduthachd
Hinduachd | |
Aois | mu 7,000 bliadhna |
Dia | Brahma, Vishu, Shiva |
Cànan Cràbhach | Sanscrit |
Leabhraichean Cràbhach | Shruti/Smriti |
Geugan | Bùdachas |
Thòisich | Na h-Innseachan |
Dùthchannan as trèasa | Neapal Na h-Innseachan |
‘S e fear dhe na creideamhan as aosda san t-saoghail a th’ann an Hionduthachd, neo sanātanadharma (Sanscrit: सनातनधर्म). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Lagh Bith-bhuan.[1] Chithear freumhan na Hionduthachd anns an t-saoidheachd Indus (Sindhu), agus nochd cultair na h-Innseachan mu thrì mìle bhliadhna ro Chrìosd.[2] Le faisg air billean dhe creidmhich, ‘s e an treas creideamh as motha na cruinne, an dèidh na Crìosdaidheachd agus an Islam.
Dh’ fhàs an Hionduthachd bho shiostam chreideimh is beul-aithris uabhasach sean. Chan e idir creideamh a th'ann an coimeas leis na creideamhan a tha againne anns an An Roinn-Eòrpa agus An Ear Mheadhanach oir cha eil fiosaichean neo sgriobtar aonaichte aca. Mar a thuirt Alain Danielou “Chan e creideamh dìorrasach a th’ann an Hionduthachd. Chan e fiù’s creideamh ann an dòigh Iùdhach-crìosdail a th’ann.[3] A dh’aindeoin sin, thathar a’ creidsinn ann an cumhachd na Veda, seòrsa dhe ionnsachadh a thug Brahma dha na daoine. Tha Sìochantas gu math cudromach ann an Hionduthachd.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Rabindranath Tagore (1861 – 1941)
- Vidiadhar Surajprasad Naipaul (1932)
- Venkatraman Ramakrishnan - 1952
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Alain Danielou, La civilisation des différences, éditions Kailash, Les Cahiers du Mleccha, ISBN 978-2-84268-097-8
- ↑ Gerhard J. Bellinger, L'encyclopédie des religions, ISBN 978-2-253-13111-3
- ↑ Alain Danielou, La civilisation des différences, éditions Kailash, Les Cahiers du Mleccha, ISBN 978-2-84268-097-8