Richard Wagner

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Richard Wagner
RichardWagner.jpg
Beatha
Ainm slàn Wilhelm Richard Wagner
Breith Leipzig, 22 dhen Chèitean 1813
Dùthaich  A' Ghearmailt
Bàs Venezia, 13 dhen Ghearran 1883
Àite-adhlacaidh Wahnfried
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (greim-cridhe)
Teaghlach
Cèile Cosima Wagner
Minna Planer
Clann
Sinnsirean
Fine Wagner family
Foghlam
Foghlam Oilthigh Leipzig
Kreuzschule
Cànain Gearmailtis
Luchd-teagaisg Christian Theodor Weinlig
Dreuchd
Dreuchd ceòl-sgrìobhaiche, librettist, stiùiriche-ciùil, aistear, stiùiriche tèatair, fèin-bheatha-eachdraiche, bàrd, cluicheadair piàna agus sgrùdair ciùil
Fastaichean University of Music and Performing Arts Vienna
Obraichean comharraichte Parsifal
Das Liebesverbot
Der Ring des Nibelungen
Lohengrin
Rienzi
The Flying Dutchman
Die Meistersinger von Nürnberg
Tristan und Isolde
Duaisean a fhuaras
Buaidh Arthur Schopenhauer
Ballrachd Acadamh Rìoghail na Suaine airson Ciùil
Gnè ealain opra
Choral symphony
IMDb nm0003471
Richard Wagner Signature.svg

B' e neach-ciùil Gearmailteach a bha ann an Richard Wagner (Leipzig, 22 an Cèitean 1813 - Venezia, 13 an Gearran 1883).

Beatha Wagner[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e ann an Leipzig anns a' Ghearmailt sa bhliadhna 1813. Chaochail athair, Carl Friedrich Wagner (1770–1813), nuair a bha e sia mìos a dh'aois. Phòs a mhàthair, Johanna Rosine Pätz (1778–1848), a-rithist san 28 an Lùnasdal 1814. B' e cleasaiche agus bàrd a bha ann an Ludwig Geyer (1778–1821), leas-athair Wagner, a chaochail nuair a bha Wagner ochd bliadhna a dh'àois. Canar gun robh trioblaid le fèin-aithne aig Wagner fad a bheatha air sgàth "an dà athair aige".[1] Ghluais an teaghlach gu Dresden ann an 1814. Eadar 1821 agus 1827, an dèidh bàs an leas-athair, bha Wagner a' fuireach ann an Eisleben aig càirdean an teaghlaich.

Nuair a bha Wagner 16 bliadhna a dh'aois, chunnaic e an opara Fidelio (a chaidh a sgrìobhadh le Ludwig van Beethoven) ann an Leipzig. Bhon àm sin bha e soilleir do Wagner gum biodh e na cheòladair. Thòisich e pìosan ciùil a sgrìobhadh agus bho 1831 a-mach chaidh e don Oilthigh Leipzig. Anns a' bhliadhna 1833 chruthaich e a chiad opra: Die Feen ("Na Taibhsean").

San 24 an Sàmhain 1836 phòs e Wilhelmine "Minna" Planer (5 an t-Sultain 1809 - 25 am Faoilleach 1866) ann an Königsberg. B' e cleasaiche a bha innte. Eadar 1837 agus 1839 bha Wagner ag obair ann an Riga. An uair sin dh'fhalbh e air bàta gu Lunnainn. Air an t-siubhail seo a bha gu math stoirmeil, nochd am bun-bheachd mun "Der fliegende Holländer". Bho 1840 gu 1841 bha e a' fuireach ann am Paris agus an dèidh sin fhuair e obair ann an Dresden mar Kapellmeister aig an Semperoper. Air sgàth trioblaidean poileataigeach b' fheudar do Wagner a' Ghearmailt fhàgail agus chaidh e do Zürich (1849–1858) agus àitichean eadar-dhealaichte, gus an do dh'imrich e air ais don Ghearmailt ann an 1872. Chaidh an Richard-Wagner-Festspielhaus a thogail ann am Bayreuth a rèir phlanaichean Wagner.

Chaochail Wagner ann an Venice 13 an Gearran 1883.

Taghadh dhen Cheòl aige[deasaich | deasaich an tùs]

  • Die Feen (1833-34, prìomh-thaisbeanadh 1888)
  • Das Liebesverbot oder Die Novize von Palermo (1834-36, prìomh-thaisbeanadh 1836)
  • Rienzi, der Letzte der Tribunen (1837-40, prìomh-thaisbeanadh 1842)
  • Der fliegende Holländer (1840-41, prìomh-thaisbeanadh 1843)
  • Tannhäuser und der Sängerkrieg auf Wartburg (1842-45, prìomh-thaisbeanadh 1845)
  • Lohengrin (1845-48, prìomh-thaisbeanadh 1850)
  • Der Ring des Nibelungen (prìomh-thaisbeanadh 1876), a tha a# gabhail a-steach ceithir pàirtean:
    • An oidhche tòiseachaidh: Das Rheingold (1851-54, prìomh-thaisbeanadh 1869)
    • A' chiad latha: Die Walküre (1851-56, prìomh-thaisbeanadh 1870)
    • An dàrna latha: Siegfried (1851-71, prìomh-thaisbeanadh 1876)
    • An treasa latha: Götterdämmerung (1848-1874, prìomh-thaisbeanadh 1876)
  • Tristan und Isolde (1856-59, prìomh-thaisbeanadh 1865)
  • Die Meistersinger von Nürnberg (1845-67, prìomh-thaisbeanadh 1868)
  • Parsifal (1865-82, prìomh-thaisbeanadh 1882)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Martin Gregor-Dellin: Wagner Chronik - Daten zu Leben und Werk, Reihe Hanser 97, Carl Hanser Verlag, 1972, duilleag 9 agus 10

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: