'S e neach-ciùilGearmailteach a bh' ann an Ludwig van Beethoven. Chaidh a bhreith ann an 1770 ann am Bonn agus ann an 1792 ghluais e gu Vienna far an do dh'fhuirich e fad a bheatha. Bhàsaich e air an 26mh den Mhart, 1827. Sgrìobh e ceòl 'clasaiceach' airson a' phiàna agus orcastra. 'S e na pìosan as ainmeil a th' aige na 5mh agus 9mh siomphonaidhean, agus pìosan airson a' phiàna 'Für Elise' agus an t-sonata 'Moonlight'. Tha a mhòr chuid den bheachd gur è aon de na ceòladairean mòra ann an eachdraidh a th' ann. Nuair a bha e òg b' e cluicheadair piàna ealanta a bh' ann agus bha e coitcheanta le na h-uaislean agus daoine cumhachdach ann an Vienna.
Anns a' bhliadhna 1801 thòisich e an claisneachd aige a chaill agus dh'fhàs e na bu mhiosa gus, mu dheireadh, bha e bodhar ann an 1817. Ged nach b' urrainn dha pàirt a ghabhail ann an coinneamhan-ciùil tuilleadh bha e fhathast a' sgrìobhadh ceòl agus 's ann anns na bliadhnaichean seo a dh'ùghdar e na pìosan as ainmeil aige.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: