Zürich
Zürich
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eilbheis | ||||
Roinn Eilbheiseach | Zürich (Kanton) | ||||
Cànan | Gearmailtis | ||||
Co-chomharran | 47°22′ Tuath 8°33′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 91.88 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 371,767 (2007) | ||||
Dlùths | 4,046.22/km² | ||||
Duilleag oifigeil | www.stadt-zuerich.ch |
'S e am baile as motha den Eilbheis a tha ann an Zürich[1] (IPA: ˈtsyːʁɪç). Canar Züri (ˈtsyɾi) ris anns an cànan aca fhèin, neo Zurigo (dzu'ɾiːgo) san Eadailtis agus Zurich (zyʁik) san Fhraingis. Tha am baile suidhichte anns an Eilbheis an Iar air bruach Loch Zürich. Tha e suidhichte 161km air falbh bho Stuttgart, thall anns A' Ghearmailt. A-rèir clàrachas ann an 2006[2] agus 2007[3], 's e Zürich am baile aig a bheil maitheas na beatha as fheàrr san t-saoghal. 'S e baile-breith Huldrych Zwingli (1484 - 1531) a th' ann, duine cudthromach aig àm an Ath-Leasachaidh.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Thàinig an t-ainm Zürich bhon ainm ceilteach Turus[4], bha e sgrìobhte air uaigh bho àm nan Ròmanaich anns an 2. linn. Thòisich an gluasad cultarach Dada ann an Zürich neo-phàirteil rè A' Chiad Chogaidh Mhòir.[5]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Hans-Adam II (1945): Prionnsa à Liechtenstein.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ City Mayors
- ↑ Mercer
- ↑ Stefan Zimmer: Die Kelten, Mythos und Wirklichkeit, duilleag 208, Theiss Verlag ISBN 3-8062-1908-7
- ↑ Michel Sanouillet, Dada à Paris, CNRS Éditions, 1965-2005, pp. 6-7.
- ↑ SisterCities