Jump to content

Sòrbais Ìochdarach

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Sòrbais Ìosal)
Sòrbais Ìochdarach
(dolnoserbšćina)
Fuaimneachadh [ˈdɔlnɔˌsɛrbʃtʃina]
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

~ 6,670 [1]

Teaghlach-chànan

Innd-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Laideann
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil a' Ghearmailt
Còdan Cànan
ISO 639-1 -
ISO 639-2 dsb
ISO 639-3 dsb

Is e cànan a tha anns an t-Sòrbais Ìochdarach (dolnoserbšćina, Beurla: Lower Sorbian). Buinnidh i don gheug Slàbhach den teaghlach Innd-Eòrpach. Tha an t-Sòrbais Iòcharach dlùth-chàirdeach don t-Sòrbais Uachdarach agus tha i faisg cuideachd air an t-Seacais, air an t-Slòbhacais agus air a’ Phòlais.

Cha b' e cànan leasaichte a bh' ann an Sòrbais Ìsosal ron 20mh linn agus cha deach tòrr leabhraichean fhoillseachadh rè nan linntean. Anns na seasgadan, bhathar ag iarraidh gràmar agus briathrachas a leasachadh ach gu mì-fhortanach cha robh tòrr dhaoine ann tuilleadh aig an robh Sòrbais Ìochdarach mar chànan màthaireil. Le sin chaidh an cànan a leasachadh le duine a tha air a' chànain ionnsachadh mar dàrna cànan. Às dèidh an dàrna cogaidh bha na daoine ag iarraidh gun deachadh crìoch a chur eadar Sòrbais Ìochdarach agus Sòrbais Uachdarach. Mar sin chaidh an stoidhle sgrìobhaidh Slàbhaich ath-bheòthachadh agus chaidh faclan den t-Sòrbais Uachdarach a chur às.

Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais Ìochdarach mar mhion-chànain[2].

Tha Sorbais Iosal ga bruidhinn ann am Brandenburg, gu h-àraid timcheall air a’ bhaile Cottbus. 'S teis-meadhan beatha cultarach a’ chànain seo a tha ann an Cottbus ann an earra-dheas Bhrandenburg. Thàinig an t-ainm Cottbus bhon fhacal Chóśebuz, tha e a' ciallachadh "taighean beaga brèagha". Chìthear sanasan rathaid dà-chànanach air feadh a' bhaile.

Sorbais Iosal an-diugh

[deasaich | deasaich an tùs]
Sanas-rathaid dà chànanach ann an Cottbus, a' Ghearmailt

A rèir chunntasan-sluaigh anns a' bhliadhna 1900 bha Sòrbais Ìochdarach aig 55,8% de muinntir sgìre Bhrandenburg. [3] Ach canar gu bheil mu 6.670 duine a’ cleachdadh Sòrbais Iosal mar phrìomh chànan anns an sgìre seo an-diugh, mar as trice am-measg nan seann daoine. Tha suidheachadh a' chànain nas miosa na suidheachadh Sòrbais Uachdarach a tha ga bruidhinn am-measg nan daoine òga cuideachd an-diugh.

Leis an pròiseict ùr Witaj (a' ciallachadh "Fàilte"), a chaidh a chur air bhonn ann an Cottbus 1998 's urrainn do chlann bhig Sòrbais Ìochdarach a thogail ann an sgoiltean-àraich. Thèid an cànan a theagasg ann an 30 sgoiltean. Ann an Sagsainn, gheibh na sgoiltean-àraich € 500,000 mar thaic-airgid a h-uile bliadhna airson am foghlam seo a thoirt seachad. Co-dhiù cha robh ach 440 clann ag ionnsachadh a' chànain ann an 2014. Tha prògraman Telebhisean fon tiotail Łužyca ann gach mios agus tha prògraman rèidio ann cuideachd.

Seo Ùrnaigh an Tighearna ann an Sòrbais Ìochdarach:


Wóśce nas, kenž sy na njebju,
wuswěśone buź Twójo mě;
pśiź k nam Twójo kralejstwo;
Twója wóla se stań
ako na njebju, tak teke na zemi.
Wšedny klěb naš daj nam źinsa,
a wódaj nam naše winy,
ako my wódawamy swójim winikam.
A njewjeź nas do spytowanja
ale wumóž nas wót togo złego,
Pśeto Twójo jo to kralejstwo a ta móc a ta cesć
do nimjernosći. Amen.
  1. Ethnologue
  2. European Charter for Regional or Minority Languages
  3. Cunntasan-sluaigh às a' bhliadhna 1900 (Gearmailtis)
  • Faßke: Der Niedersorben Wendisch. Foillsichte aig Domowina-Verlag, Bautzen 2003, ISBN 3-7420-1886-8
  • Jodlbauer, Spieß, Steenwijk: Die aktuelle Situation der niedersorbischen Sprache. (Suidheachadh Sòrbais Ìochdarach an-diugh) Domowina-Verlag, Bautzen 2001, ISBN 3-7420-1844-2

Ceangal a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]