Der Mauerspringer

O Uicipeid
Der Mauerspringer
An Leumadair Bhallachan
Fiosrachadh
Sgrìobhadair Peter Schneider
Bliadhna Foillseachaidh 1982
Cànan Gearmailtis
Dùthaich Flag of Germany.svg A' Ghearmailt
Gnè-sgrìobhaidh Nobhail
Cuspair Cogadh Fuar
Suidhichte Berlin

'S e nobhail às A' Ghearmailt a sgrìobh Peter Schneider 's a th' ann an Der Mauerspinger (Darmstadt, 1982, Gàidhlig: An Leumadair Bhallachan).[1] Suidhichte ann am Berlin aig àm a' Chogaidh Fuaire nuair a bha am baile agus an dùthaich fhathast air an sgarradh ann an dà stait eadar-dhealaichte, 's ann mu bhuaidh a' Chogaidh Fuaire air na daoine 's a bhruidhinneas an leabhar. Rinn Reinhart Hauff film dhe ann an 1982, air an robh Der Mann auf der Mauer Gàidhlig: Am Fear air a' Bhalla).[2]

Cnuasathadh Sònraichte an Ùghdair[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a sgrìobhadh an nobhaileag 's a tha seo co-dhiù seachd bliadhna mus thuit Balla Berlin, mhothaich an t-ùghdair gum maireadh buaidh sgarradh na dùthcha fiù's bliadhnaichean anns na làithean ri theachd.[3] Cha robh duine sam bith dhen bheachd gun tuiteadh am balla mar a thuit e, ach cha b' e ach Schneider a smaoinich gum biodh e bèo nar cinn ged an dèidheadh e à sealladh. Mar a thuirt Schneider:

"Bheir e nas fhaide dhuinn am Balla a leagail nar cinn na dh' fheumas companaidh sgriosaidh sam bith airson a' Bhalla a chì sinn."[4]

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. DW
  2. IMDB
  3. Walls and Other Obstacles: Peter Schneider's Critique of Unity in Der Mauerspringer, ann an The German Quarterly Vol. 66, No. 3, Between the Early 1950s and the Late 1980s (Samhradh, 1993)
  4. DW