Seachd

O Uicipeid

'S e film Gàidhlig le Simon Miller a tha ann an Seachd, 's esan na stiùiriche airson a chiad uair, stòiridh le Simon Miller agus Joanne Cockwell. Tha a chleasaiche òg Pàdruig Moireasdan ann còmhla ris a' bhàrd is sgrìobhaiche Aonghas Pàdraig Caimbeul. Thoisich filmadh anns a' Ghiblean 2006 timcheall air Am Bioran Do-Ruigsinneach aig mullach an Sgurr Deirg sa Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach, agus chrìochnaich e anns an Ògmhios 2006. Bha prìomh-taisbeanadh an fhilm aig an Celtic Media Festival (https://web.archive.org/web/20070203030532/http://www.celticfilm.co.uk/) anns a' Mhart 2007.

Sgeulachd

Làn fhìrinn na sgeòil. Tha Aonghas air a bhith air tòir na fìrinn o òige, miann a tha a' teannachadh na inntinn 's na chorp nuair a thuigeas e gu bheil am bàs gu laighe air a sheanar. Tha fios aig Aonghas gu bheil an t-àm dha eòlas a chur air an fhìrinn mu bhàs a phàrantan 's cuideachd mu sgeulachdan a sheanair, sgeulachdan iongantach, eagalach a thug air cuairt tro eachdraidh nan Gaidheal iad. Tha Aonghas 's a sheanair a' gabhail aon chuairt eile còmhla, cuairt a tha gan toirt gu mullach Sgùrr Dearg 's gu fìrinn ris nach robh dùil sam bith.

Sgioba nan cleasaichean

  • Aonghas Pàdraig Caimbeul mar an seanair
  • Pàdruig Moireasdan mar Aonghas (aois 9)
  • Colla Dòmhnallach mar Aonghas (aois 20)
  • Dolina NicGillFhinnein mar an t-seanmhair
  • Daibhidh Walker mar Eairdsidh
  • Winnie Brook Young mar Mhàiri
  • Crìsdean Dòmhnallach mar Dhonnchadh
  • Annie NicLeòid mar Akira Gunn
  • Calum MacFhionghain mar an Draoidh
  • Scott Handy mar Patrick Loch
  • Toby Robertson mar an Diùc
  • Màrtainn Mac an t-Saoir mar athair Akira
  • Iain Macrae mar an Dòmhnallach
  • Vidal Sancho mar an Spàinnteach
  • Isabel NicRath mar Shìleas
  • Meg Bateman mar màthair Shìleas
  • Teàrlach Quinnell mar each-uisge
  • Kathleen NicAonghais mar Chatrìona
  • Eòghainn MacFhionghain mar Chalum
  • Aonghas MacDhòmhnaill mar am mac bu sine
  • Kathleen NicDhòmhnaill mar Eilis NicLeòid
  • Iain “Seonachan” MacLeòid mar Ailig
  • Aonghas Iain MacDhòmhnaill mar Eòghainn
  • Lachlan Graham mar neachleanmhainn
  • Niall Caimbeul mar gheàrd/neach-ciùil
  • Coinneach MacEalair mar shaighdear
  • Jim Sutherland mar neach-ciùil
  • Marian Lloyd mar neach-ciùil
  • Iseabail Strachan mar neach-ciùil
  • Fiona NicAsgaill mar neach-ciùil

Riochdachaidh

Ri thighinn…

Ceangalan a-muigh