Jump to content

Aonghas Pàdraig Caimbeul

O Uicipeid
Aonghas Pàdraig Caimbeul
Beatha
Breith An Leth Mheadhanach, dhen Ghiblean 1952
Dùthaich  Alba
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann : poileataigeachd, eachdraidh
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhadair agus actair
Gnè ealain bàrdachd
IMDb nm2338032

'S ann às an Leth Mheadhanach ann an Uibhist a Deas a tha Aonghas Pàdraig Caimbeul (no Aonghas Phàdraig, mar a chanas a choimhearsnachd fhèin sa cheann a deas). Chaidh e gu Sgoil Gheàrraidh na Mònadh agus an uair sin gu Àrd-sgoil an Òbain, far an do ghabh e ùidh ann an litreachas fo stiùir an neach-teagaisg Bheurla aige, Iain Mac a' Ghobhainn, nach maireann.

Chaidh Aonghas Pàdraig an uairsin gu Oilthigh Dhùn Èideann, far an tug e a-mach Ceum le Urram ann am Poileataigs agus Eachdraidh. Fhad 's a bha e san Oilthigh fhuair e misneachd mhòr a thaobh a chuid sgrìobhaidh bho Shomhairle MacGill-Eain, a bha na Sgrìobhaiche aig an Oilthigh aig an àm.

As dèidh an Oilthigh, chaidh Aonghas Pàdraig a dh'obair na fhear-naidheachd do Phàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, agus an uair sin chun a’ BhBC agus gu Telebhisean Ghrampian.

Tha e air grunn leabhraichean a thoirt a-mach. Ann an 2001 chaidh urram Crùn na Bàrdachd a thoirt dha leis a' Chomunn Ghàidhealach aig Mòd nan Eilean Siar, agus anns a bhliadhna sin cuideachd fhuair e an duais chliùiteach 'Creative Scotland Award' bho Chomhairle nan Ealain. Tha e air a bhith na Sgrìobhaiche aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha dreuchd Caidreachais Iain Mhic a' Ghobhainn aig Roinn na Gàidhealtachd air a bhith aige cuideachd.

Aon uair, chluich e ball-coise ann an Cuach na h-Alba aig Pàirce Hampden an aghaidh Queen's Park. Tha e fhèin ’s a bhean Liondsaidh a' fuireach ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Tha sianar chloinne aca. ’S e na sgrìobhadairean as fheàrr leis Lev Tolstoj, George Eliot, Gabriel Garcia Marquez, agus ’s e Alex Cropley aig Hibs an cluicheadair ball-coise as fheàrr a chunnaic e a' cluich beò.

Leabhar-chlàr

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Tilleadh Dhachaigh, nobhail, Ùr-sgeul, 2009
  • An Taigh-samhraidh, nobhail, Ùr-sgeul, 2007
  • Meas air Chrannaibh, bàrdachd, Acair, 2007
  • Invisible Islands, sgeulachdan goirid (Beurla), Otago Publishing, 2006
  • Là a' Dèanamh Sgèil Do Là, nobhail, Ùr-sgeul, 2005
  • An Oidhche Mus Do Sheòil Sinn, nobhail, Ùr-sgeul, 2003
  • One Road, bàrdachd, 1998
  • The Greatest Gift, bàrdachd, 1992
  • Agus grunn leabhraichean-cloinne - còig nobhailean goirid airson nan sgoiltean nam measg
  • Campbell, Angus Peter 'Alasdair's Joyous Display of Verbal Magic' ann an Camille Dressler & D. W. Stiùbhart (deas.) Alexander MacDonald: Bard of the Gaelic Enlightenment / Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Bàrd an t-Soillearachaidh Ghàidhealach Kershader, Isle of Lewis: Islands Book Trust, 2012, dd.63-69.

Film agus telebhisean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Seachd, 2007
  • Grampian TV
  • BBC ALBA
  • Agus grunn phrògraman agus iomairtean eile

Pàipearan-naidheachd agus irisean

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]