Meg Bateman
Meg Bateman | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Dùn Èideann, 13 dhen Ghiblean 1959 |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Obar Dheathain |
Cànain |
Beurla Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | eadar-theangair, sgrìobhadair agus bàrd |
Fastaichean |
Oilthigh Dhùn Èideann Oilthigh Chill Rìmhinn |
Gnè ealain | bàrdachd |
Tha Vivienne Mairead 'Meg' Bateman (13 an Giblean 1959[1]) na bana-bhàrd is neach-acadaimigeach.
Rugadh Bateman ann an Dùn Èideann. Rinn i ceum na Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain is chrìochnaich i ollamhachd air bàrdachd chreidmheach Ghàidhlig. An uair sin, theagaisg i aig Oilthigh Dhùn Èideann is Oilthigh Obar Dheathain. Nochd a cuid bàrdachd ann an iomadh duanaire, mar eisimpleir Other Tongues (1990) agus Twenty of the Best (1990). Tha i air eadar-theangachadh bàrdachd Gàidhlig ann am Beurla ann an Anthology of Scottish Women Poets (1991) agus Creachadh na Clàrsaiche (1993). Chaidh a' chiad chruinneachadh le tionndaidhean Beurla aice fhoillseachadh ann an 1997, Aotramachd is dàin eile, a' dèiligeadh ri breòiteachd a' ghaoil is dhàimhean daonna. Tha i ag obair mar òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach agus mar phrìomh òraidiche urramach aig Oilthigh Chill Rìmhinn. Dheasaich i eagran ùr de bhàrdachd aig Dòmhnall nan Òran agus a mhic còmhla ri Anne Loughran.[2][3]
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuilich Oilthigh na Gàidhealtachd an tiotal “proifeasair” oirre ann an 2015.[4]
Fhuair i an tiotal Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd anns an Òban ann an 2024.[5][6]
Foillseachaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Bàrdachd
[deasaich | deasaich an tùs]- 1990. Orain Ghaoil
- 1997. Aotromachd agus Dàin Eile
- 2007. Soirbheas
- 2013. Transparencies[7]
Sgeulachdan Goirid
[deasaich | deasaich an tùs]- 2011. Chanadh Gun Do Chuir i Às Dha ann an SAORSA: sgeulachdan goirid Ùr-Sgeul Inbhir Nis: CLÀR, Ùr-Sgeul, 2011, dd.141-144.
Artaigilean Sgoilearach ann am Beurla
[deasaich | deasaich an tùs]- Bateman, Meg 'The Bard and the Birlinn' ann an Camille Dressler & D. W. Stiùbhart (deas.) Alexander MacDonald: Bard of the Gaelic Enlightenment / Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Bàrd an t-Soillearachaidh Ghàidhealach Kershader, Isle of Lewis: Islands Book Trust, 2012, dd.74-84.
Leabhar ann am Beurla
[deasaich | deasaich an tùs]- Bateman, Meg, Purser, John (2020): Window to the West: Culture and Environment in the Scottish Gàidhealtachd (pdf, 960td, 206MB).
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC Alba:Làrach nam Bàrd: Meg Bateman
- Tobar an Dualchais: Meg Bateman
- BBC Naidheachdan 2015-12-22: An t-Oll. Meg Bateman
- Òraid le Meg Bateman aig SMO, 2017-09-21 (bhidio: 1:14:12)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Thomson, Derick S. (1994): The Companion to Gaelic Scotland. Glasgow: Gairm, td. 21.
- ↑ Bateman, Meg (2014): Bàird Ghleann Dail: The Glendale Bards. Birlinn.
- ↑ “Bàird Ghleann Dail”, Naidheachdan a' BhBC. 15mh dhen Lùnasdal 2014. Air a thogail 16mh dhen Dàmhair 2024.
- ↑ “An t-Oll. Meg Bateman”, Naidheachdan a' BhBC. 22mh dhen Dùbhlachd 2015. Air a thogail 16mh dhen Dàmhair 2024.
- ↑ “Urraman Litreachais agus seinn mhìorbhaileach ann an teis mheadhan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail”, An Comunn Gàidhealach. 16mh dhen Dàmhair 2024. Air a thogail 16mh dhen Dàmhair 2024.
- ↑ “Bàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich 2024: Meg Bateman”, Naidheachdan a' BhBC. 16mh dhen Dàmhair 2024. Air a thogail 16mh dhen Dàmhair 2024.
- ↑ “Meg Bateman”. Scottish Poetry Library. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2014.