Dòmhnall nan Òran
Dòmhnall nan Òran | |
---|---|
Beatha | |
Dreuchd |
'S e bàrd à Gleann Dail anns an Eilean Sgitheanach a bha ann an Dòmhnall nan Òran (Domhnall MacLeòid, 1787–1873).
Nuair a dh'fhàg e an sgoil bha comas math air a' Bheurla aige agus dh'obraich e air feadh an eilein a' cruinneachadh cìsean rathaid o dh'aois 20. Seo mar a dh'ionnsaich e beul-aithris agus bàrdachd.
Dh'fhoillsich e leabhar de a bhàrdachd fhèin aig aois 23. Ann an 1829 dh'fheuch e airgead a thogail airson leabhar fhoillseachadh air Calum Cille agus gaisgich eile ann an saoghal na Gàidhlig. An dèidh sin dh'imrich gu Aimearaga airson 15 bliadhna agus thill e dhan eilean far an do dh'obraich e mar mharsanta coitcheann ann an Gleann Dail. Aig aois 60 phòs e nighean a dh'aois 19 agus fhuair iad deichnear chloinne, leithid Niall MacLeòid agus Iain Dubh. Dh'fhoillsich e cruinneachadh de bhàrdachd eile ann an 1871 agus bhàsaich e ann an Cill Chomhghain.[1]
Chaidh eagran ùr de bhàrdachd aige agus aig a mhic a dheasaicheadh le Meg Bateman còmhla ri Anne Loughran agus fhoillseachadh ann an 2014.[2][3]
Leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- MacLeòid, Domhnul (1811): Orain Nuadh Ghaelach: maille ri beagain do cho-chruinneachadh urramach na ‘n aireamh. Le Domhnul MacLeòid, ann an Durinish, sa ‘n Eilan Sciatheanach. Inbhirnis: Eoin Young.
- MacLeòid, Domhnull (1871): Dàin agus Orain. Glascho: G. Mac-na-Ceardadh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Loughran, Anne (2018): “Traditional poets and songmakers: MacLeòid: A - H”. Gaelic Literature of the Isle of Skye: an annotated bibliography. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 21mh dhen Chèitean 2024.
- ↑ Bateman, Meg (2014): Bàird Ghleann Dail: The Glendale Bards. Birlinn.
- ↑ “Bàird Ghleann Dail”, Naidheachdan a' BhBC. 15mh dhen Lùnasdal 2014. Air a thogail 16mh dhen Dàmhair 2024.