Jump to content

Niall MacLeòid

O Uicipeid
Niall MacLeòid
Beatha
Breith 1843
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Bàs 1913
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd

Rugadh Niall MacLeòid (1843–1913) ann an Gleann Dail, An t-Eilean Sgitheanach, anns a' Mhàrt 1843.[1] Bha e na bhàrd agus òranaiche air leth tarraingeach do Ghàidheil an naoidheamh linn deug.

Rinn athair Nèill, Dòmhnall MacLeòid, corra sheòrsa obrach. Bha e cuideachd na bhàrd ainmeil - theireadh 'Dòmhnall nan Òran' ris - agus dh'fhoillsich e dà leabhar bàrdachd, ann an 1811 agus an uair sin ann an 1871. Bha croit bheag aige saor o chìsean le còir-sheilbh ri leantail da bhanntraich a chionn 's gum bu bhàrd e, agus is dòcha gur i sin a' chòir-ghabhaltais dheireannach den leithid ann an Albainn.

Cha d' fhuair Niall òg mòran teagaisg riaghailteach – dìreach na dh'ullaich sgoil a' bhaile bhig – ach dh'ionnsaich e Beurla a leughadh agus a sgrìobhadh gun chus dorradais, agus b' e sin foghlam a bha gu math feumail aig an ám. Bho athair fhuair e eòlas air bàrdachd nan Gàidheal, agus bhiodh e a' dol gu cèilidhean na sgìre far an deach òrain a ghabhail is sgeulachdan aithris.

Mu thimcheall air 1865 leig e ealainean dùthchail is thog e Dhùn Èideann air, a dh'obair na reiceadair-siubhail ann am buidhinn-ghnothaich Ruairidh MhicLeòid a bha na cho-ogha dha. Anns an dreuchd a bha sin, rachadh e mar is trice a dh'Earra-Ghàidheal agus don Eilean Sgitheanach, ged a bha e uaireannan san taobh deas. Thàinig sgiorradh carbaid-eisg air is e a' fàs aosda, agus beagan na dhèidh sin leig e 'dhreuchd. Chaochail e an 6mh latha den t-Sultain 1913.

Thòisich MacLeòid air bàrdachd 's e òg. Chaidh iomadach òran aige fhoillseachadh ann am pàipearan-naidheachd Gàidhealach agus dh'fhàs e caran ainmeil. Ann an 1883 chaidh "Clàrsach an Doire", cruinneachadh de dh'òrain leis fhèin, fhoillseachadh agus fhuair an leabhar caithream mhòr, cha b' ann a-mhàin ann an Albainn ach thall thar sàile cuideachd. Chuireadh an dàrna eagran den leabhar a-mach ann an 1893, anns an robh barrachd òran agus ceithir sgeulachd rin lorg; nochd an treas eagran (air a mheudachadh a-rithist) ann an 1902, agus an ceathramh (le tuilleadh meudachaidh) ann an 1909. Mar sin b' e MacLeòid a-mhàin, am measg bhàrd Gàidhlig, a chunnaic ceithir eagrain de leabhar aige na latha fhèin. Thàinig an còigeamh eagran a-mach ann an 1924, agus an t-siathamh ann an 1975. Chuir MacLeòid leabhar eile, "Wallace", an clò ann an 1896.

Chaidh eagran ùr de bhàrdachd aige, aig a bhràthair agus aig athair a dheasaicheadh le Meg Bateman còmhla ri Anne Loughran agus fhoillseachadh ann an 2014.[2][3]

Iomraidhean air-loidhne

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Thomson, Derick S. (1994). The Companion to Gaelic Scotland Glasgow: Gairm, 183
  2. Bateman, Meg (2014): Bàird Ghleann Dail: The Glendale Bards. Birlinn. 
  3. Bàird Ghleann Dail”, Naidheachdan a' BhBC. 15mh dhen Lùnasdal 2014. Air a thogail 16mh dhen Dàmhair 2024. 

Tùsan eile

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Macleoid, Niall. (1975). Clàrsach an Doire, Glaschu: Gairm ISBN 0-901771-48-1
  • MacLeod, Donald John. (1980). Twentieth Century Publications in Scottish Gaelic, Dùn Èideann: Scottish Academic Press ISBN 0-707302-84-6
  • MacKinnon, Professor D., (1913). 'Neil MacLeod' ann an Celtic Review 9.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]