Gàidhlig meadhan na mara
'S e Gàidhlig meadhan na mara[1] an t-ainm a tha air dual-chainnt mheadhanach is thar-roinneil ùr na Gàidhlig. Tha i stèidhichte air na prìomh dhual-chainntean a tha beò fhathast. Tha ainmean eile oirre aig daoine ann am Beurla no Gàidhlig cuideachd, can Mid-Minch Gaelic[2][3][4], Standard Hebridean,[5] BBC Gaelic[2], Gàidhlig bhun-tomhasach[6] (Standard Gaelic[7]) no Gàidhlig Mheasgaichte (Mixed Gaelic)[8].
Tha a' chuid as motha dhe na dual-chainntean a tha a' cur ris ann an Iar-thuath na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a' gabhail a-steach Ros an Iar, Na h-Eileanan Siar agus an t-Eilean Sgitheanach. Leis gu bheil iad ceithir timcheall a' Chuain Sgìth, 's e Gàidhlig meadhan na mara a tha aig daoine oirre.
Mar a thachras le rèidheachadh dhual-chainntean san fharsaingeachd, tha iomadh rud a' cur ris a' ghluasad seo, can fàs nam meadhanan Gàidhlig (leithid BBC Radio nan Gàidheal agus BBC Alba), fàs Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, crìonadh nan dual-chainntean aig an oir (m.e. ann an Cataibh no Siorrachd Pheairt) agus gluasad nan Gàidheal dha na bailtean mòra far an tachair daoine ri dual-chainntean eile.
Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]A-rèir rannsachaidh, tha gu h-àraidh an claonadh sna sgoiltean a thaobh dual-chainntean nan tidsearan a' cur ris an rèidheachadh seo. Taobh a-staigh nam bun-sgoiltean air feadh Alba, 's e Gàidhlig Leòdhais a tha aig a' chuid as motha (25%), tha 21% ag ràdh nach eil dual-chainnt shònraichte aca, 17.5% le Gàidhlig Uibhist a Deas, 9% le Gàidhlig an Eilein Sgitheanaich agus mu 8% an tè aig Gàidhlig Bharraigh, na Hearadh 's Uibhist a Tuath.[8]
Dh'fhoillsich rannsachadh Dr. Claire Nance gu bheil "blas Ghlaschu" aig oileanaich Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha an dual-chainnt seo fo bhuaidh Bheurla Ghlaschu; tha guth-cheòl na Beurla air agus chan eil ach trì sònarach (fuaimean "n," "l," is "r") ann. Tha trì fuaimean "n", trì no ceithir "l", agus trì "r" air cainnt luchd aig a tha Gàidhlig bho thùs.[9]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC An Là 01/01/2015: Dual-chainntean Ghàidhlig ùra (aithris bhideo 3:10)
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ 2.0 2.1 Lamb, Will A diachronic account of Gaelic news-speak: The development and expansion of a register (1998) Edinburgh Occasional Papers in Linguistics
- ↑ Gaelic dialects dying out as mid-Minch voices take over
- ↑ W. MacLeod Dialectal diversity in contemporary Gaelic: perceptions, discourses and responses
- ↑ Black, Ronald Cothrom Ionnsachaidh (2006) Dùn Èideann ISBN 0906981336
- ↑ Bauer, Michael Blas na Gàidhlig: The Practical Guide to Scottish Gaelic Pronunciation (2011) ISBN 978-1907165009 Akerbeltz
- ↑ Wentworth, Roy Briathrachas Cànanach (2003)
- ↑ 8.0 8.1 Dual-chainntean a' dol à bith
- ↑ Nance, Dr. Claire: “‘ New ’ Scottish Gaelic speakers in Glasgow: A phonetic study of language revitalisation”, Language in Society 44 , 553 – 579. doi:10.1017/S0047404515000408. Air a thogail 30mh dhen Fhaoilleach 2017.