Göteborg
Göteborg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Bohuslän | ||||
Sgìre | Västra Götalands län | ||||
Co-chomharran | 57° 42 00' Tuath 11° 58 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 32.58 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 526,054 (2012) | ||||
Dlùths | 16,146.53/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 46) 31 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile[1] uabhasach mòr agus port[2] cudromach air an àirde an iar-dheas na Suaine a tha ann an Göteborg (IPA: /ʝøtəˈbɔrj/, Beurla: Gothenburg, Liotuànais: Geteborgas, Laideann: Gothoburgum). Tha e suidhichte air caolas air a bheil Kattegat, a sgarras an t-Suain bho Danmhairg, aig beul na h-aibhne Göta, aig 10m os cionn ìre na mara,[3] anns an roinn (Suainis: län) Västra Götaland,[4] 396km air falbh bho Stockholm (prìomh-bhaile na dùthcha), 191km bho Helsingborg, 244km bho Mhalmö, 409km bho Uppsala agus 1,035km bho Bhoden.[5] Chaidh Göteborg a stèidheachadh ann an 1621 leis an rìgh Gustavus Adolphus II,[6] agus tha an t-ainm a' ciallachadh Dùn nan Gotach sa Ghàidhlig. Tha 526,054 duine a' fuireach ann,[7] is 945,713 san sgìre air fad. 'S e a dàrna baile as motha na Suaine a tha ann cuideachd.[8] Tha Alba agus na Tìrean Ìsle air buaidh mhòr a thoirt air Göteborg fad na linntean tro mheadhan a' mhalairt[9] agus tha fiù 's sloinnidhean Albannach cumanta sa bhaile gus an latha an-diugh. 'S e an treas fear as aosta na dùthcha a th' ann Oilthigh Ghöteborg.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à gotn (Gàidhlig: gotach) agus borg (dùn) a tha an t-ainm.[10] Bheireadh sin Dùn nan Gotach dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh agus Gothenburgh sa Bheurla Ghallta. 'S e co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda burgh a th' ann am borg.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bho 1867 gu ruige 1929 b' e Elfrida Andrée a bh' ann cluicheadair-orgain na h-àrd-eaglaise, a' chiad thè a fhuair an dreuchdan seo a-riamh.[11] Chaidh Oilthigh Ghöteborg a stèidheachadh an seo ann an 1891.[12] Chaochail an sgrìobhadair Henning Mankell an seo ann an 2015.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Nils Holmer (1904 - 1994), cànanaiche
- Klas Pontus Arnoldson: (1844 - 1916). Neach-poileataigs agus sìochantach.
- Björn Ulvaeus
- Adam Lundgren (1986), Actair.
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Århus
- Badalona
- Bergen
- Chicago
- Galdogob
- Kraków
- Lyon
- Oslo
- Port Elizabeth
- Rostock
- Sankt Peterburg
- Shanghai
- Tallinn
- Turku
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Svensk Geografi
- ↑ Göteborgs Hamn
- ↑ Mongabay
- ↑ Nationalencyklopedin
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Svenska stadsmonografier – Göteborg, amanuens Otto Thulin & stadsbiblotikarie Paul Harnesk, Förlags AB Religion & Kultur, Meijels Bokindustri, Göteborg 1948 duilleag 40
- ↑ Statistika Centralbyrån
- ↑ Geonames
- ↑ Prestoungrange
- ↑ Runeberg
- ↑ Freeman, Theodor (1964). ”Domkyrkoorganisten Elfrida Andrée och hennes far”. Julboken till församlingarna i Göteborgs stift, 1964, 12-27. 0284-2076. ISSN 0284-2076. Libris 19228687
- ↑ Study in Sweden