Klas Pontus Arnoldson
Klas Pontus Arnoldson | |||
---|---|---|---|
1882 - 1887 Sgìre: Q10688831 | |||
Beatha | |||
Breith | Domkyrkoförsamlingen in Göteborg (en) agus Göteborg City (en) , 21 dhen Dàmhair 1844 | ||
Dùthaich | An t-Suain | ||
Bàs | Lidingö församling (en) , Stockholm City (en) agus Sankt Matteus (en) , 20 dhen Ghearran 1916 | ||
Àite-adhlacaidh | Norra begravningsplatsen (en) | ||
Foghlam | |||
Cànain | Suainis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs agus naidheachdair-bheachdan | ||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
| ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach | "vänstern" (en) |
B' e neach-aithris, sgrìobhadair, sìochantair agus neach-poileataigs às An t-Suain a bh' ann an Klas Pontus Arnoldson (Göteborg 27 an Dàmhair 1844 - Stockholm 20 an Gearran 1916).[1] Bhuineadh Arnoldson do theaghlach bochd agus cha deach e dhan oilthigh idir. Chuir e seachad bliadnichean ag obair ann an oifis rèile ann an Tumba, mus an do thoisich e ann am poileataigs radaigeach agus naidheachdas. Sgrìobh e mòran airson Nordiska dagbladet agus Sanningssökaren. Chaidh a thaghadh do Phàrlamaid na Suaine ann an 1882. Bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1908 còmhla ri Fredrik Bajer.[2] B' iadsan a stèidhich Coimhearsnachd Stàitean Saora na Lochlainn (Suainis: Nordiska fristats-samfundet)[3] agus an Comann Suaineach airson Sìthe agus Eadar-bhreithe (Suainis: Svenska freds- och skiljedomsföreningen).[4] Tha a' bhuidheann sin fhathast a' dol. Bha Arnoldson an aghaidh cogadh agus airson sìth is co-obrachadh eadar-nàiseanta. Bha e dhen bheachd gum bu chòir dha Lochlann a bhith na stàit fheadarail ach, nuair a bha Nirribhidh an impis a dhol dhan chogadh gus a cuid shaorsa a dhìon an aghaidh droch làimhseachadh na Suaine, b' e gun do ghabh esan ris na bha Nirribhidh a' sireadh. Le sin, sheachain e cogadh eadar an dà dhùthaich. Fhuair Nirribhidh neo-eisimeileachd gun strì ann an 1905, a chuir crìoch air an Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain.[5] Cha do phòs e a-riamh. Chaochail e le greim-cridhe ann an Stockholm, ann an 1916. Tha sràid ann an Tumba - K P Arnoldssons Väg - ainmeachadh an a dhèidh.
Na sgrìobh e
[deasaich | deasaich an tùs]- Karolinen och hans ättlingar, Örebro, 1868.
- Är världsfred möjlig?: En historisk framställning af sträfvandena för lag och rätt mellan folken. Fröléen, Stockholm 1890.
- Pax Mundi, Lov - ikke krig, 1890.
- Seklernas hopp: En bok om världfreden. Wilhelmsson, Stockholm, 1900.
- Maria Magdalena: fredsberättelse, Stockholm: Bohlin. 1903.
- Fjärrbilder: sökaren från Atén. Väktaren i Rom. Herdinnan vid Magdala, Göteborg: Åhlén & Åkerlund, 1912.