Tumba
Tumba | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An t-Suain |
Ceàrn | Stockholms län |
Sgìre | Botkyrka kommun/Salems kommun |
Co-chomharran | 59° 12 00' Tuath 17° 49 00' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,773.53 km² |
Àireamh-shluaigh | 37,852 (2013) |
Dlùths | 21.34/km² |
Àireamh fòn | (+46) 08 |
'S e baile beag (Suainis: tätort) air a sgaoileadh eadar dà sgìre-riaghlaidh (Botkyrka kommun agus Salems kommun), ann an cridhe na Suaine faisg air Stockholm a th' ann an Tumba. Tha e suidhichte ri taobh na h-aibhne Tumbaån,[1] anns an sgìre Stockholms län, 466km air falbh bho Helsingborg, 763km bho Bhoden agus 20km bho Sholna.[2] Tha 37,852 duine a' fuireach ann.[3]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh muileann-phàipeir a thogail an seo ann an 1755 le Banca na Suaine.[4] Tha e fhathast a' dol agus 'se am as aosta na dùthcha. Thàinig an Rathad-iarainn ann an 1860. Chuir Klas Pontus Arnoldson seachad bliadhnaichean ag obair ann an oifis rèile an seo, mus an do thoisich e ann am poileataigs radaigeach agus naidheachdas. Bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1908.[5] B' esan a stèidhich an Comann Suaineach airson Sìthe agus Eadar-bhreithe (Suainis: Svenska freds- och skiljedomsföreningen).[6] Tha sràid sa bhaile - K P Arnoldssons Väg - a tha air ainmeachadh an a dhèidh. Chaidh bhideo airson an òrain The Day Before You Came le ABBA fhilmeadh san stèisean an seo ann an 1982.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Sven Tumba: (1931 - 2011). Cluicheadair Hocaidh-deighe.