ABBA

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
ABBA ann an 1974

B' e còmhlan-ciùil uabhasach fhèin ainmeil agus soirbheachail air feadh an t-saoghail a bh' ann an ABBA (IPA: abːa, dòigh-sgrìobhaidh shònraichte: ᗅᗺᗷᗅ).[1] Chaidh a stèidheachadh ann an 1972, ann an Stockholm le Agnetha Fältskog, Björn Ulvaeus, Benny Andersson, agus Anni-Frid Lyngstad. Chaidh an còmhlan fhèin ainmeachadh as an dèidh. Bhuineadh triùir dhuibh dhan t-Suain ach Lyngstad, a rugadh ann an Nirribhidh (Ged a thogadh anns an t-Suain i). Bha an ceathrar gu math ainmeil air feadh Lochlainn mar-thà, mus an do chuthaich iad ABBA: bha Andersson anns na Hep Stars[2] agus bha Ulvaeus anns na Hootenanny Singers fad na 60an. Dhèanadh Fältskog agus Lyngstad ceòl air an cinn fhèin.[3] Bhunnaich ABBA Eurovision ann an 1974 leis a' chlàr Waterloo. Bha Fältskog pòsta aig Ulvaeus agus bha Lyngstad pòsta aig Andersson, ach dhealaichte iad. Tha Ulvaeus agus Andersson fhathast ag obair ri chèile air pròiseactan ciùil. Bhris ABBA à chèile ann an 1983.

Albaim[deasaich | deasaich an tùs]

  • Ring Ring (1973)[4]
  • Waterloo (1974)
  • ABBA (1975)
  • Arrival (1976)
  • ABBA: The Album (1977)
  • Voulez-Vous (1979)
  • Super Trouper (1980)
  • The Visitors (1981)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Palm, Carl Magnus (1996). ABBA : människorna och musiken. Stockholm: Tiden. ISBN 91-88876-25-X
  2. The Hep Stars
  3. Agneta
  4. SVT Nyheter