Helsingborg

O Uicipeid
Helsingborg
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Skåne
Sgìre Skåne Län
Co-chomharran 56° 03 00' Tuath
12° 43 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 38.41 km²
Àireamh-shluaigh 97,122 (2012)
Dlùths 2,528.56/km²
Àireamh fòn (+ 46) 42
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile[1] uabhasach mòr agus port[2] cudromach air an àirde an iar-dheas na Suaine a tha ann an Helsingborg (IPA: /hɛlsiŋˈbɔrj/, Liotuànais: Helsingborgas, Laideann: Helsingoburgum). Tha e suidhichte ri taobh a' chaolais Öresund agus an Kattegat, a sgarras an t-Suain bho Danmhairg, aig 13m os cionn ìre na mara,[3] anns an roinn (Suainis: län) Skåne,[4] 484km air falbh bho Stockholm (prìomh-bhaile na dùthcha), 49km bho Lund, 513km bho Uppsala, 191km bho Göteborg agus 1,189km bho Bhoden.[5] Chaidh Helsingborg a stèidheachadh air 21 an Cèitean 1085 leis an rìgh Knut IV.[6] Tha 97,122 duine a' fuireach ann.[7] 'S e an naoidheamh baile as motha na Suaine a tha ann cuideachd.[8] Tha an Danmhairg cho faisg air a' bhaile gum chithear Helsingør air an taobh thall a' Chaolais.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à hals (Gàidhlig: amhach) agus borg (dùn) a tha an t-ainm.[9] Bheireadh sin Dùn an Amhaich dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh agus Halseburgh sa Bheurla Ghallta. 'S e co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda burgh a th' ann am borg. Tha sin a' gabhail ri cruth na tìre.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail an neach-ealaine Ivar Kamke an seo ann an 1936.[10]

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Svensk Geografi
  2. Helsingborgs Hamn
  3. Mongabay
  4. Nationalencyklopedin
  5. Distance Calculator
  6. HelsingsborgsGuiden
  7. Statistika Centralbyrån
  8. Geonames
  9. Runeberg
  10. Riksarkivet

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]