Jump to content

Henrik Larsson

O Uicipeid
Henrik Larsson
Beatha
Ainm slàn Edward Henrik Larsson
Breith Helsingborg, 20 dhen t-Sultain 1971
Dùthaich  An t-Suain
Ciad chànan Suainis
Teaghlach
Clann
Foghlam
Cànain Suainis
Dreuchd
Dreuchd cluicheadair ball-coise nan comann, cluicheadair buill-ùrlair agus manaidsear buill-choise
Ionad no sònrachas toisiche
Cuideam 74 kilogram
Àirde 177 centimetre
Duaisean a fhuaras
IMDb nm1418875
henriklarssonofficialwebsite.com

'S e Henrik Larsson MBE (b. 20 an t-Sultain, 1971 ann an Helsingborg) cluicheadair ball-coise bhon an t-Suain. Thoisich e air a chluich ball-coise aig aois 17 airson an sgioba Högaborg anns an t-Suain agus an uairsin ghluais e gu Helsingborg IF agus Feyenoord. Ann an 1997 ghluais e gu Celtic bho Feyenoord airson mu £650,000. Chuir e seachad seachd bliadhna ann an Glaschu agus anns an àm sin fhuair e 242 tadhal ann an 315 gèam. Ann an 2004 dh'fhàg e Celtic airson FC Barcelona. Cha robh e a' cluich cho tric an sin ach fhathast fhuair e 12 tadhal ann an 33 gèam agus anns an gèam mu dheireadh aige rinn e an dà thadhal aig Barcelona an aghaidh Arsenal anns an final de Cupa na Roinn-Eòrpa ann am Paris ; a' chiad fhear airson Samuel Eto'o agus an dara fear airson Julian Belletti. Ann an 2006 thill e do Helsingborg IF leis an teaghlach aige airson cluich dhan sgioba leis an robh e mar òganach.