Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain
| Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain Svensk-norska unionen Den svensk-norske union | ||||||||
| ||||||||
| Mapa | ||||||||
| Fiosrachadh | ||||||||
| Bliadhna Tòiseachaidh | 1814 | |||||||
| Bliadhna mu Dheireadh | 1905 | |||||||
| Prìomh-Bhaile | Stockholm agus Kristiania | |||||||
| Càna(i)n Oifigeil | Danmhairgis, Nirribhis, Suainis | |||||||
| Farsaingeachd | 774,184 km2 | |||||||
| Àireamh-shluaigh | 7,560,000 (1905) | |||||||
| Dlùths | 9.77/km2 | |||||||
B' e stàit air a stèidheachadh air aonadh pearsanta an Rìgh a bh' anns an Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain (Nirribhis: Den svensk-norske union,[1] Suainis: Svensk-norska unionen[2]). Chaidh a chruthachadh ann an 1814 tro aonadh Rìoghachd Nirribhidh agus Rìoghachd na Suaine. Chruthachadh Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain air sàilleabh gun do bhris dlùth dhàimh a bha aig Nirribhidh leis An Danmhairg, leis gu robh An Danmhairg ann an caidreachas leis An Fhraing, fo bhuaidh Napoleon Bonaparte.[3] Chaidh polasaidhean nan Dùthchannan Cèin air a stiùireadh bho Stockholm, ach bha a h-uile càil eile air a rèiteachadh fa leth, fiù 's an t-Arm. Bhris an t-Aonadh a-mach às a chèile ann an 1905 mu dheireadh thall, air sàilleabh gu robh Nirribhidh dhen bheachd nach b' e deagh làimhseachadh a bha iad a' faighinn bhon t-Suain.[4] Fhuair Nirribhidh cuideachadh bho luchd-poileataigs na làimhe chlì anns an t-Suain, mar Klas Pontus Arnoldson agus Hjalmar Branting - a bhuannaich an Duais Nobel airson Sìthe. Le sin, chaidh cogadh a sheachnadh.[5]
Rìghrean an Aonaidh
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “1814 – Det selvstendige Norges fødsel” (Nirribhis). Store Norske Leksikon. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2016.
- ↑ “svensk–norska unionen” (Suainis). NE Nationalencyclopedin AB. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2016.
- ↑ Rummet
- ↑ Aftonbladet
- ↑ Norge