Napoléon Bonaparte
Napoléon Bonaparte | |||||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||||||||||
10 dhen t-Samhain 1799 - 18 dhen Chèitean 1804
18 dhen Chèitean 1804 - 6 dhen Ghiblean 1814
17 dhen Mhàrt 1805 - 11 dhen Ghiblean 1814
1806 - 26 dhen Fhaoilleach 1812 ← Louis XVI of France (en) ![]()
20 dhen Mhàrt 1815 - 22 dhen Ògmhios 1815
20 dhen Mhàrt 1815 - 22 dhen Ògmhios 1815 ← Louis XVIII of France (en) ![]() ![]() | |||||||||||||||
Beatha | |||||||||||||||
Ainm slàn | Napulione Buonaparte, Napoleone di Buonaparte | ||||||||||||||
Breith | Ajaccio, 15 dhen Lùnastal 1769 | ||||||||||||||
Dùthaich |
![]() | ||||||||||||||
Àite-fuirich |
Saint Helena (en) ![]() | ||||||||||||||
Cinneadh | Frangaich | ||||||||||||||
Ciad chànan |
Corsican (en) ![]() | ||||||||||||||
Bàs |
Longwood House (en) ![]() | ||||||||||||||
Àite-adhlacaidh |
Cathédrale Saint-Louis-des-Invalides (en) ![]() | ||||||||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse na stamaig) | ||||||||||||||
Teaghlach | |||||||||||||||
Athair | Carlos Bonaparte | ||||||||||||||
Màthair | Letizia Bonaparte | ||||||||||||||
Cèile |
Joséphine de Beauharnais (en) ![]() Marie Louise, Duchess of Parma (en) ![]() | ||||||||||||||
Càraid |
Marie Walewska (en) ![]() Pauline Fourès (en) ![]() Emilie Kraus von Wolfsberg (en) ![]() Elisabeth de Vaudey (en) ![]() Eléonore Denuelle de La Plaigne (en) ![]() | ||||||||||||||
Clann |
liosta
| ||||||||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||||||||||
Sinnsirean |
liosta
| ||||||||||||||
Fine | Taigh Bonaparte | ||||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||||
Foghlam |
École Militaire (en) ![]() (1784 - | ||||||||||||||
Cànain | Fraingis | ||||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, stàitire, oifigear, cruinniche ealain, Ceusair agus flaitheach | ||||||||||||||
Com-pàirtiche
| |||||||||||||||
Àirde | 168 centimetre | ||||||||||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||||||||||
Ballrachd | Acadamh Fhrangach nan Saidheansan | ||||||||||||||
Seirbheis san arm | |||||||||||||||
Ìre | seanalair bragàid | ||||||||||||||
Strì | Cogaidhean Napoleon | ||||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||||
Creideamh |
Caitligeachd diadhachas | ||||||||||||||
IMDb | nm1927416 | ||||||||||||||
![]() |
Bha Napoléon Bonaparte (IPA: napɔleɔ̃ bɔnapaʁt, Ajaccio, 15 an Lùnasdal 1769–Eilean Naomh Eilidh, 5 an Cèitean 1821)[1] na Impire na Frainge agus na Sheanailear. Rugadh e ann an Corsaca, far an robh a theaghlach a' fuireach. Bha athair, Carlo Maria Buonaparte na neach-lagha,[2] agus bha a mhàthair, Maria Letizia Ramolino, ga bhrosnachadh nuair a bha e na bhalach beag gu rudan cudromach a dhèanamh anns an àm ri teachd.
Chaidh e gu Acadamaidh an Armailt ann am Paras nuair a bha e dìreach 14 bliadhna[3] a dh'aois agus bhuannaich e urram is meas gu luath. Ann an 1799 bha e na sheanailear ann am Arm na Frainge ri linn Ar-a-mach na Frainge, agus ged a chaill iad an Èipheit,[4] dh'fhàs Napoléon ainmeil am measg muinntir na Frainge, an dà chuid na beartaich is na bochd.
Bha e na Chonsal nuair a chuir e an tiotal air fhèin, “Ìompaire nam Frangach” còmhla ri a chiad bhean Josephine, air a' chiad latha den Dùbhlachd 1804. Aig an àm sin bha cumhachd mhòr aige agus chuir e iomadh dùthaich fo smachd anns an Roinn Eòrpa, neartaich e an siostam sòisealta is chruthaich e codex a chleachd mòran riaghaltasan mar eisimpleir às dèidh sin, fiù 's san latha an-diugh. Phòs e dà thuras: a' chiad turas bho 1796 gu ruige 1809 aig Joséphine de Beauharnais[5], a bha seachd bliadhna na b' aosda na esan agus gu math trioblaideach agus an uair sin aig Marie Louise, Bana-dhìuc Pharma, bho 1810 gu ruige 1814.[6]
Ach bha armailtean cumhachdach na aghaidh. Impireachd na Breatainne, a' Phruis agus an Ruis, agus chuidich iad dùthchannan eile airson na Frangaich a chuir air falbh. Chaill iad an Spàinnt ann an 1812[7] agus cha do chuir iad an Ruis fo smachd ann an 1813.[8] Thòisich crìonadh na Impireachd aig an àm a bha siud.
Mar sin, chaidh a fhògradh a dh'Eilean Elba ann an 1814 is thill Rìgh Louis XVI còrr is 15 bliadhna às dèidh an ar-a-mach mhòir. Ach ann an 1815 thill Napoléon dhan Fhraing gu mòr-thoilicheas an t-sluaigh, gus am blàr mu dheireadh ullachadh ann an Bhatarlù.[9] Anns a' Chèitean 1815 shabaid Napoléon an aghaidh a thrì armailtean, ach cha robh e soirbheachail is chaidh a fhògradh a-rithist, an turas seo gu Eilean Naomh Eilidh far an do bhàsaich e sia bliadhna às dèidh sin ann an 1821. Bha e dìreach 51.[10]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Le Figaro
- ↑ La Ville d'Ajaccio
- ↑ BNF
- ↑ Fondation Napoleón
- ↑ Femmes Célèbres
- ↑ Geneviève Chastenet, Marie-Louise, l'impératrice oubliée, Paris, J'ai lu, 1982 ISBN 2-277-22024-8
- ↑ ABC
- ↑ Fondation Napoléon
- ↑ Waterloo
- ↑ Le Monde