Napoléon Bonaparte

O Uicipeid
Napoléon Bonaparte
head of state of France (en) Translate


Ciad Chonsal

10 dhen t-Samhain 1799 - 18 dhen Chèitean 1804
100. ceann-suidhe

1800 - 1800
Raphael Bienvenu Sabatier (en) Translate - Claude Louis Berthollet
Impire nam Frangach

18 dhen Chèitean 1804 - 6 dhen Ghiblean 1814
monarc na h-Eadailte

17 dhen Mhàrt 1805 - 11 dhen Ghiblean 1814
18. French co-prince of Andorra (en) Translate

1806 - 26 dhen Fhaoilleach 1812
Louis XVI of France (en) Translate - no value →
Impire nam Frangach

20 dhen Mhàrt 1815 - 22 dhen Ògmhios 1815
18. French co-prince of Andorra (en) Translate

20 dhen Mhàrt 1815 - 22 dhen Ògmhios 1815
Louis XVIII of France (en) Translate - Napoleon II (en) Translate
Beatha
Ainm slàn Napulione Buonaparte, Napoleone di Buonaparte
Breith Ajaccio, 15 dhen Lùnastal 1769
Dùthaich  Corsica
Àite-fuirich Saint Helena (en) Translate
Ajaccio
Paris
Elba
Ciad chànan Corsican (en) Translate
Bàs Longwood House (en) Translate, 5 dhen Chèitean 1821
Àite-adhlacaidh Cathédrale Saint-Louis-des-Invalides (en) Translate
Valley of the Tomb (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (aillse na stamaig)
Teaghlach
Athair Carlo Bonaparte
Màthair Maria-Letizia Bonaparte
Cèile Joséphine de Beauharnais (en) Translate  (8 dhen Mhàrt 1796, 9 dhen Mhàrt 1796 -  16 dhen Dùbhlachd 1809)
Marie Louise I, Duchess of Parma (en) Translate  (1 dhen Ghiblean 1810 -  5 dhen Chèitean 1821)
Càraid Marie Walewska (en) Translate
Pauline Fourès (en) Translate
Emilie Kraus von Wolfsberg (en) Translate
Elisabeth de Vaudey (en) Translate
Eléonore Denuelle de La Plaigne (en) Translate
Giuseppina Grassini (en) Translate
Albine de Montholon (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Fine Taigh Bonaparte
Foghlam
Foghlam École Militaire (en) Translate
(1784 -
Cànain Fraingis
Corsican (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, stàitire, oifigear, cruinniche ealain, Ceusair, flaitheach, militant (en) Translate, ceannard airm, monarc agus army officer (en) Translate
Àirde 168 centimetre
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Acadamh Fhrangach nan Saidheansan
Seirbheis san arm
Ìre seanalair bragàid
seanalair roinneil
Strì Cogaidhean Napoleon
Cogaidhean Rèabhlaid na Frainge
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
diadhachas
IMDb nm1927416

Bha Napoléon Bonaparte (IPA: napɔleɔ̃ bɔnapaʁt, Ajaccio, 15 an Lùnasdal 1769Eilean Naomh Eilidh, 5 an Cèitean 1821)[1] na Impire na Frainge agus na Sheanailear. Rugadh e ann an Corsaca, far an robh a theaghlach a' fuireach. Bha athair, Carlo Maria Buonaparte na neach-lagha,[2] agus bha a mhàthair, Maria Letizia Ramolino, ga bhrosnachadh nuair a bha e na bhalach beag gu rudan cudromach a dhèanamh anns an àm ri teachd.

Chaidh e gu Acadamaidh an Armailt ann am Paras nuair a bha e dìreach 14 bliadhna[3] a dh'aois agus bhuannaich e urram is meas gu luath. Ann an 1799 bha e na sheanailear ann am Arm na Frainge ri linn Ar-a-mach na Frainge, agus ged a chaill iad an Èipheit,[4] dh'fhàs Napoléon ainmeil am measg muinntir na Frainge, an dà chuid na beartaich is na bochd.

Bha e na Chonsal nuair a chuir e an tiotal air fhèin, “Ìompaire nam Frangach” còmhla ri a chiad bhean Josephine, air a' chiad latha den Dùbhlachd 1804. Aig an àm sin bha cumhachd mhòr aige agus chuir e iomadh dùthaich fo smachd anns an Roinn Eòrpa, neartaich e an siostam sòisealta is chruthaich e codex a chleachd mòran riaghaltasan mar eisimpleir às dèidh sin, fiù 's san latha an-diugh. Phòs e dà thuras: a' chiad turas bho 1796 gu ruige 1809 aig Joséphine de Beauharnais[5], a bha seachd bliadhna na b' aosda na esan agus gu math trioblaideach agus an uair sin aig Marie Louise, Bana-dhìuc Pharma, bho 1810 gu ruige 1814.[6]

Ach bha armailtean cumhachdach na aghaidh. Impireachd na Breatainne, a' Phruis agus an Ruis, agus chuidich iad dùthchannan eile airson na Frangaich a chuir air falbh. Chaill iad an Spàinnt ann an 1812[7] agus cha do chuir iad an Ruis fo smachd ann an 1813.[8] Thòisich crìonadh na Impireachd aig an àm a bha siud.

Mar sin, chaidh a fhògradh a dh'Eilean Elba ann an 1814 is thill Rìgh Louis XVI còrr is 15 bliadhna às dèidh an ar-a-mach mhòir. Ach ann an 1815 thill Napoléon dhan Fhraing gu mòr-thoilicheas an t-sluaigh, gus am blàr mu dheireadh ullachadh ann an Bhatarlù.[9] Anns a' Chèitean 1815 shabaid Napoléon an aghaidh a thrì armailtean, ach cha robh e soirbheachail is chaidh a fhògradh a-rithist, an turas seo gu Eilean Naomh Eilidh far an do bhàsaich e sia bliadhna às dèidh sin ann an 1821. Bha e dìreach 51.[10]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Le Figaro
  2. La Ville d'Ajaccio
  3. BNF
  4. Fondation Napoleón
  5. Femmes Célèbres
  6. Geneviève Chastenet, Marie-Louise, l'impératrice oubliée, Paris, J'ai lu,‎ 1982 ISBN 2-277-22024-8
  7. ABC
  8. Fondation NapoléonTeamplaid:Fix/category[dead link]
  9. Waterloo
  10. Le Monde