Hjalmar Branting
| Hjalmar Branting | |||||||||||||||||
|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
|
| |||||||||||||||||
1886 - 1908 ← August Palm (mul)
1897 - 24 dhen Fhaoilleach 1925 Sgìre: Stockholm municipality electoral district (en)
1908 - 24 dhen Ghearran 1925 ← Claes Tholin (mul)
19 dhen Dàmhair 1917 - 5 dhen Fhaoilleach 1918 ← Conrad Carleson (mul)
10 dhen Mhàrt 1920 - 27 dhen Dàmhair 1920 ← Nils Edén (mul)
13 dhen Dàmhair 1921 - 19 dhen Ghiblean 1923 ← Herman Wrangel (en)
13 dhen Dàmhair 1921 - 19 dhen Ghiblean 1923 ← Oscar von Sydow (mul)
18 dhen Dàmhair 1924 - 24 dhen Fhaoilleach 1925 ← Ernst Trygger (en) | |||||||||||||||||
| Beatha | |||||||||||||||||
| Breith |
Klara Church Parish (en) | ||||||||||||||||
| Dùthaich |
| ||||||||||||||||
| Àite-fuirich |
Q10401393 | ||||||||||||||||
| Bàs |
Gustav Vasa parish (en) | ||||||||||||||||
| Àite-adhlacaidh | cladh Eaglais Adolf Fredrik | ||||||||||||||||
| Teaghlach | |||||||||||||||||
| Athair | Lars Gabriel Branting | ||||||||||||||||
| Màthair | Emerentia Maria Charlotta af Georgii | ||||||||||||||||
| Cèile |
Anna Branting (mul) | ||||||||||||||||
| Clann |
liosta
| ||||||||||||||||
| Foghlam | |||||||||||||||||
| Foghlam |
Oilthigh Uppsala (1877 - | ||||||||||||||||
| Cànain | Suainis | ||||||||||||||||
| Dreuchd | |||||||||||||||||
| Dreuchd |
neach-poileataigs, dioplomat, neach-naidheachd agus editing staff (en) | ||||||||||||||||
| Àitichean-obrach | Stockholm | ||||||||||||||||
| Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||||||||||||
| Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
| ||||||||||||||||
| Creideamh | |||||||||||||||||
| Creideamh |
Svenska kyrkan (mul) | ||||||||||||||||
| Pàrtaidh poileataigeach |
Pàrtaidh Deamocratach Sòisealach na Suaine individual applicant (en) | ||||||||||||||||
|
| |||||||||||||||||
B' e fear-saidheans, matamataigear, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach às An t-Suain a bh' ann an Karl Hjalmar Branting (Stockholm 23 an t-Samhain 1860–Stockholm 24 an Gearran 1925).[1] Bhuineadh e do theaghlach uabhasach fhèin foghlaimte: b' e ollamh a bh' ann athair, Lars Gabriel Branting, agus cluicheadair phiàna a bh' ann a mhàthar, Emma af Georgii. Dheasaicheadh e Tiden agus Social-Demokraten. Chaidh e dhan phrìosan fo chasaidean naomh-mhallachd ann an 1888 o chionn 's gun do chuir e artaigil a sgrìobh Axel Danielsson sa chlò, a bha gu làidir an aghaidh na h-eaglaise. Stèidhich e am Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach Luchd-obrach na Suaine (Suainis: Sveriges socialdemokratiska arbetareparti) ann an 1889 agus chaidh a thaghadh do Phàrlamaid na Suaine airson a' Phàrtaidh ann an 1896.[2] Bha e na mhinistear an Ionmhais (1917–1918) agus na mhinistear nan Dùthchannan Cèin (1921–1923). A bharrachd air sin, bha e na phrìomhair trì tursan: greiseag ann an 1920, an uair sin bho 1921 gu ruige 1923 an mu dheireadh thall bho 1924 gu ruige 1925. B' e a' chiad phrìomhair Sòisealach san Roinn-Eòrpa a chaidh a thaghadh a-riamh tro Chòir-bhòtaidh uile-choitcheann. Chuir e air dòigh iomairt airson Nirribhidh a dhìon, a bha a' sireadh a cuid neo-eisimeileachd. Fhuair i sin gun strì ann an 1905, a' cur crìoch air an Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain.[3] Bhris e bho na Comannaich an dèidh Ar-a-mach na Ruise ann an 1917.[4] Bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1921 còmhla ri Christian Lange[5] leis gun do rinn e mòran às leth Lìg nan Nàiseanan agus air sàilleabh gun do rèitich e gu sìtheil A' Cheist Åland, an dèidh a' Chogaidh Mhòir. Phòs e aig an neach-aithris Anna Matilda Charlotta Jäderin ann an 1884. Tha ceàrnag ann an Göteborg - Hjalmar Brantings Plads - ainmeachadh an a dhèidh.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Den Store Danske
- ↑ Populär Historia
- ↑ NNDB
- ↑ Marxists
- ↑ “The Nobel Peace Prize 1921”. Nobel Media AB. Air a thogail 24mh dhen Ghearran 2019.