Acair Earranta
'S e buidheann foillseachaidh a tha ann an Acair Earranta. Foillsichidh Acair leabhraichean ann an Gàidhlig, Beurla agus leabhraichean dà-chànanach.
Tha e stèidhichte ann an Steòrnabhagh, Leòdhas.
Dh'fhoillsich Acair iomadh leabhar cloinne agus bidh sgoiltean Gàidhlig air feadh na h-Alba gan cleachdadh. Bidh Acair cuideachd a' foillseachadh leabhraichean do dh'inbhich air iomadach cuspair: bàrdachd, aistean, òrain, dealbh-chluichean, dannsa, creideamh, eachdraidh neo cultar is dòigh-beatha na Gàidhealtachd. Cuideachd, tha Acair a' foillseachadh leabhraichean Beurla air cuspairean co-cheangailte ris a' Ghàidhlig agus ris a’ Ghàidhealtachd.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Thòisich e mar phàirt de Phròiseact Dà-chànanch nan Eileanan Siar ann an 1976.[1] 'S e Call na h-Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach a' chiad leabhar a dh'fhoillsich Acair ann an 1979.[2]
Sgrìobhadairean Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh le Acair
[deasaich | deasaich an tùs]- Anndra A. Dunn: Còisir nan Gunna
- Catrìona Lexy Chaimbeul: Cluicheadairean
- Crìsdean Whyte: Bho Leabhar-Latha Maria Malibran
- Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill: Fo Sgàil a’ Swastika
- Dòmhnall MacAmhlaigh: Deilbh Is Faileasan
- Iain Mac a' Ghobhainn: A' Bhàrdachd Ghàidhlig (deas. Moray Watson)
- Somhairle MacGill-Eain: Sangs tae Eimhir (eadar-theang. le Derrick McClure); Ris A’ Bhruthaich; Eimhir (Dàin do Eimhir air eadar-theangachadh gu Beurla le Iain Mac a' Ghobhainn)
- Ruaraidh MacThòmais: Sùil air Fàire
- Tormod Caimbeul: eadar-theangachadh leabhraichean cloinne gu Gàidhlig
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]- Làrach-lìn aig Acair
- BBC Naidheachdan 2015-10-26: Leabhraichean Acair air Geàrr-liosta Saltire
- BBC Naidheachdan 2017-01-31: 40 bliadhna ga chomharrachadh bho thòisich Acair (aithris-bhideo 2:10
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Cò Sinn?”. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ Cuairtlitir. An Giblean 1979. (Inbhir Nis: An Comunn Gàidhealach), d.4.