Jump to content

Tormod Caimbeul

O Uicipeid
Tormod Caimbeul
Beatha
Breith Dail bho Dheas, 7 dhen Dàmhair 1942
Dùthaich  Alba
Bàs 2 dhen Chèitean 2015
Teaghlach
Athair Aonghas Caimbeul
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Colaiste Chnoc Iòrdain
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, neach-teagaisg, bàrd agus eadar-theangair
Àitichean-obrach Alba

'S e prìomh sgrìobhadair rosg Gàidhlig an fhicheadamh linn a bh' ann an Tormod Caimbeul (1942 - 2015).

Sgeul-beatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Tormod Caimbeul (Tormod a’ Bhocsair) ann an Dail bho Dheas, Eilean Leòdhais, ann an 1942. Bha e na sgrìobhadair aig Comhairle nan Eilean agus aig Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach. Dh’eadar-theangaich Tormod Caimbeul iomadh leabhar cloinne gu Gàidhlig.

Chaochail e air 2 an Cèitean 2015 aig aois 72. Bha e a' fulang le aillse.

Bha athair, Aonghas Caimbeul (Am Bocsair), agus uncail, Aonghas Caimbeul (Am Puilean), na bhàird ainmeil agus tha a bhràthair, Alasdair Caimbeul (Alasdair a’ Bhocsair), na sgrìobhadair cuideachd. 'S e sgrìobhaiche-dràma agus rosg a th’ ann a nighean, Catrìona Lexy Chaimbeul.

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Deireadh an Fhoghair. Chambers, 1979.
  • Hostail. Comhairle nan Eilean, 1992.
  • An Naidheachd bhon Taigh. Cànan, 1994.
  • Shrapnel. Ùr-Sgeul/CLÀR, 2006.
  • An Druim bho Thuath. Ùr-Sgeul/CLÀR, 2011.

Eadar-theangachadh

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Donaldson, Julia. Leum Suas air an Sguaib. Acair, 2002.
  • Donaldson, Julia. An Grufallo. Acair, 2004.
  • Donaldson, Julia. An Fhaochag agus a' Mhuc-mhara. Acair, 2006.
  • Donaldson, Julia. Am Fuamhaire Spaideil. Acair, 2008.

Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Watson, Moray. An Introduction to Gaelic Fiction. Edinburgh University Press, 2011.

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]