Aonghas Caimbeul (Am Bocsair)
Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Nis, 3 dhen t-Sultain 1908 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 1949 |
Teaghlach | |
Clann | |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
Gnè ealain | bàrdachd |
B' e Aonghas Caimbeul (1908 - 1949 ), neo mar a b' fheàrr a b' aithnichear e, Am Bocsair, bàrd à Nis. Chaidh a bhàrdachd fhoillseachadh fo stiùireadh a bhràthair, Am Puilean (a bha na bhàrd cuideachd) ann an 1978. Tha na mic aige, Alasdair Caimbeul agus Tormod Caimbeul, a' sgrìobhadh an dà chuid bàrdachd is rosg ann an Gàidhlig.
A bheatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh Aonghas Caimbeul, mac Alasdair Mhurchaidh Òig à Suaineabost, ann an Nis air 3 Sultain 1908.[1] Thàinig far-ainm 'Am Bocsair' air ann an Sgoil Chrois seach gun dèanadh e sabaid cruaidh le a dhà dhòrn.[2] Bha mac eile anns an teaghlach le aon ainm, Aonghas, agus 's e 'Am Puilean' am far-ainm a bh' air.[2] B' e gnàthachadh gu math cumanta a bh' ann aig an àm seo.[3] B' e miseanaraidh anns an Eaglais Shaor a bha na athair, Alasdair Mhurchaidh Òig.
Bha e a' cumail bùth ann an Nis agus airson greiseig, bha e ag obair ann an Glaschu, ann an Ospadal Hawkhead.[1] Ann an 1937 phòs e Màiri Mhoireach, tè a bhuineadh do Dhail bho Dheas, cuideachd ann an sgìre Nis. Bha trìur mhac agus aon nighean aca. Tha Tormod a' Bhocsair agus Alasdair a' Bhocsair nan sgrìobhadairean ainmeil.
Bàrdachd a' Bhocsair
[deasaich | deasaich an tùs]- An Cruthachadh Nuadh
- Nam Bàsaicheadh na Boireannaich
- Osag Chùbhraidh nam Beannaibh
- Tiodhlacadh Ailein
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 BBC Alba Bliadhna nan Òran: Am Bocsair
- ↑ 2.0 2.1 GRD: Am Bocsair
- ↑ Black, R. An Tuil (Dùn Èideann: Polygon, 1999) d. 762.
Leabhar-chlàr
[deasaich | deasaich an tùs]Bàrdachd a' Bhocsair. Dùn Èideann: MacDonald Publishers, 1978.