Jump to content

Nis, Leòdhas

O Uicipeid
Nis
Ainm Beurla: Ness
Map
58°28′12″N 6°15′0″W
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Na h-Eileanan an Iar
Coimhearsnachd Nis
Siorrachd Ros is Cromba
Paraiste Barbhas
Sgìre Phàrlamaid na h-Alba Na h-Eileanan an Iar
Sgìre Phàrlamaid na RA Na h-Eileanan an Iar
Ainm
Roimhearach ann an Nis
Ginideach muinntir Nis
Ainm-sluaigh Niseach
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,300
Àireamh fòn 01851 810
Còd-puist HS2

'S e sgìre ann an ceann a tuath Eilean Leòdhais a th' ann an Nis. Tha mu 16 bailtean beaga anns an sgìre: (tuath gu deas): Eòropaidh, na Còig Peighinnean, an Cnoc Àrd, Am Port, Lìonal, Tàbost, Suaineabost, Cros, Cros-Sgiogarstaigh, Eòrodal, Adabroc, Àird Dhail, Dail bho Thuath, Dail bho Dheas, Sgiogarstaigh agus Cuidhsiadar. 'S e Nis an coimhearsnachd as fhaide chun an iar-thuath anns an Rìoghachd Aonaichte agus b' e anns an Aonadh Eòrpach cuideachd ro Bhrexit. Tha a' Ghàidhlig nas treasa ann an Nis na tha i ann am pàirt sam bith eile de Leòdhas, ach tha an ìre an seo cuideachd air crìonadh; bha 87% ga bruidhinn anns a' chunntas-sluaigh 1991 ach 64% anns an fhear 2011 [1]. Tha an t-ainm Nis bho Lochlannais is a' ciallachadh 'sròn'.

Oighreachd Ghabhsainn

[deasaich | deasaich an tùs]
prìomh dhuilleag: Oighreachd Ghabhsainn

Tha Nis cuideachd ri Gabhsann, Borgh is Baile an Truiseil san Taobh Siar am broinn Oighreachd Ghabhsainn 's ghabh a' choimhearsnachd sealbh air an oighreachd ann an 2007. Tha fòcas mòr aig Urras Oighreachd Ghabhsainn - an seilbheadair bhon uair sin - ann an lùth ath-nuadhachail 's tha iad a' cur an àirde crainn-ghaoithe anns an Taobh Siar.[2]

Comunn Eachdraidh Nis

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Comunn Eachdraidh Nis a' cuimhneachadh eachdraidh an sgìre le taigh-tasgaidh, tasglann agus gailearaidh anns an t-seann Sgoil Chrois ann an Dail bho Thuath. 'S e a' Ghàidhlig am prìomh chànan cleachte aige.[3] Tha e air fhoillseachadh mòran leabhraichean is bileagan mu dhèidhinn na sgìre. B' e Comunn Eachdraidh Nis a' chiad chomunn eachdraidh anns na h-Eileanan Siar, 's chuirear e air bhonn ann an 1977.[4]

Am Bàthadh Mòr

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1862 chaidh 31 daoine fon t-sàl is dh'fhàg iad 24 banntraichean is 71 clann gun athair ann an Nis.[5] Ann an 2014, chaidh cuimhneachan-iasgaich air cruthachadh airson a' Bhàthaidh Mhòir agus iasgach gu lèir a chomharrachadh.[6]

Call na h-Iolaire

[deasaich | deasaich an tùs]
prìomh-dhuilleag: An Iolaire

Bha 20% dhen àireimh-shluaigh Leòdhasach air fad - 6,200 buill-sheirbhise - a' còmhrag anns a' Chiad Chogadh. An dèidh a' Chogaidh, bha 283 luch-tàrsainn a' Chogaidh an dùil gun tilleadh iad dhachaidh a Leòdhas, le mu ceathrad à Nis ⁊ an Taobh Siar, airson na Bliadhn' Ùire. Gu brònach, chaidh am bàta air na creagan nas lugha na mìle bho Caladh Steòrnabhaigh air Là na Bliadhn' Uìre 1919. Air sgàth nach robh eathraichean-teasairginn ach airson ceud daoine is seagaidean-teasairginn ach airson ochdad daoine, chaochail gach ach 82 de na daoine air bòrd. B' e duine à Port Nis, Iain Fionnlagh MacLeòid no Iain Mhurdo a shàbhail mu trichead daoine eile is choisinn e Carnegie Hero Fund Medal and Certificate air sgàth a oidhirp.[7][8]

Daoine ⁊ Cultar

[deasaich | deasaich an tùs]

Sealg a' Ghuga

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1954, ghabh Pàrlamaid Westminster Achd Dìon nan Eun (Protection of Birds Act) ri lagh, a thoirmisg eòin a shealg. Ach b' e Nis a fhuair an aon eisgeachd airson guga (sùlairean òga) a shealg le cead bho NàdarAlba gach bliadhna mar dualchas an àite. A h-uile bliadhna aig deireadh an Lùnastail, bidh deichnear a' dol a-mach bho Nis gu Sula Sgeir gu tuath air Nis airson 2,000 guga a mharbhadh. Dh'fhaodadh iad fuireach air Sula Sgeir airson seachdain no dhà, gus a bhith na gugachan air ullachadh san dòigh thraidiseanta.[9] Dh'fheuch an Comann Albannach airson Dìon nan Ainmhidhean an t-sealg a bhacadh mu 2010.[10] Eadar 2021 is 2025, cha do thachair an t-sealg air sgàth dragh mu dheidhinn fliù nan eun. Dh'ath-thòisich an t-sealg ann an 2025 's thog daoine fianais ùr ach cheadaich NàdarAlba gum bi na sealgairean a' marbhadh 500 gugachan a-mhàin.[11][12][13]

Sgoth Niseach

[deasaich | deasaich an tùs]
prìomh-dhuilleag: Sgoth Niseach
Sgoth Niseach Jubilee

'S e Sgoth an t-ainm th' air an t-seòrsa bàta a bhathar a' cleachdadh le na Nisich airson iasgaich. An dèidh a' Chiad Chogaidh, lùghdaich iasgach lìn-mhòir agus a' mhalairt èisg is le sin dh'fhàs na sgothan nas lugha. B' ann an 1947 a bha Sealg a' Ghuga mu dheireadh air sgoth, agus b' e an Jubilee san dealbh a rinn an turas sin. Tha urras ann a-nis - Falmadair - airson na sgothan a chumail ann an deagh òrdugh.[14]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Àireamh-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha cunntas-sluaigh 2001 ag ràdh gu robh beagan nas lugha na 1,000 duine ann an Nis aig an àm, agus tha an àireamh leth-chuid na bha e os chionn 50 bliadhna. Ann an 1831 bha nas motha na 3,000 duine ann. Ann an cunntas-sluaigh 2022, bha 2,975 daoine a' fuireach ann am Parasite Bharbhais, 's e sin Nis ⁊ an Taobh Siar.[15]

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Crìonadh mòr sa Ghàidhlig anns na h-Eileanan (gd). BBC Naidheachdan (15mh dhen t-Samhain 2013). Air a thogail 15mh dhen Fhaoilleach 2026.
  2. Our History (en). Urras Oighreachd Ghabhsainn. Air a thogail 15mh dhen Fhaoilleach 2026.
  3. Goirisean Gàidhlig (gd). Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2026. “tha an cànan a’ gabhail prìomhachas tron togalach gu lèir”
  4. Comunn Eachdraidh Nis (gd). Seirbheisean Dualchais. Air a thogail 15mh dhen Fhaoilleach 2026.
  5. Great Drowning of Ness 150 years ago remembered (en). BBC News (18mh dhen Dùbhlachd 2012). Air a thogail 15mh dhen Fhaoilleach 2026.
  6. Memorial to lost fishermen (en). Hebrides News (14mh dhen t-Sultain 2014). Air a thogail 15mh dhen Fhaoilleach 2026.
  7. The Iolaire Disaster (en). seann làrach Comunn Eachdraidh Nis. Air a thasglannadh [o https://web.archive.org/web/20030122231936/http://c-e-n.org/iolaire.htm] 2003-22-01.
  8. Iolaire (gd). BBC Alba. Air a thogail 16mh dhen Fhaoilleach 2026.
  9. The Guga Hunters of Ness: creating the programme (en). BBC Scotland (19mh dhen Fhaoilleach 2011).
  10. Cliffhanger for a bloody tradition as last of Scotland's gannet hunters set sail (en). The Guardian (25mh dhen Lùnasdal 2010).
  11. Guga hunt statement (en). NàdarAlba (29mh dhen t-Sultain 2025).
  12. Togail-fianais an aghaidh Sealg a' Ghuga (gd). BBC Naidheachdan (3s dhen Fhaoilleach 2026). Air a thogail 19mh dhen Fhaoilleach 2026.
  13. Guga hunt tradition returns after licence granted (en). BBC News (16mh dhen Iuchar 2025).
  14. Jubilee (en). seann-làrach Comunn Eachdraidh Nis. Air a thasglannadh [o https://web.archive.org/web/20070929081723/http://www.c-e-n.org/jubilee.htm] 29mh dhen t-Sultain 2007.
  15. Civil Parish 1930 by Sex and Age by Residence type indicator by Individuals (en). Scotland's Census. Air a thogail 16mh dhen Fhaoilleach 2026.