Derek Moireach (Pluto)

O Uicipeid
Derek Moireach (Pluto)
Beatha
Breith Nis
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Sabhal Mòr Ostaig
(1990 - 1991)
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd pearsa rèidio agus preasantair telebhisein
Fastaichean BBC Scotland

Tha Derek ‘Pluto’ Moireach (English: Derek Murray) ’na phreasantair réidio agus telebhisein, gu h-àraid ann am prògraman Gàidhlig.

Is esan am prìomh neach-aithris Radio nan Gàidheal airson ball-coise o chionn 2007. Rinn e aithris air iomairt Chuach na Cruinne, air na cuairtean ro-fharpaiseach airson EUFA, agus air geumaichean san Roinn Eòrpa. Tha e ’na neach-aithris spòrs cuideach airson na seanail telebhisean Gàidhlig BBC Alba, agus uaireannan sa Bheurla airson Sportsound air BBC Radio Scotland. B’ esan an neach-aithris spòrs air a’ phrògram naidheachd An Là, agus air An Caman, sreath phrògraman air barr-phuigean camanachd a chaidh a chraoladh ann an 2007. Chaidh ainmneachadh ’na “Neach-aithris Réidio na Bliadhna” aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach ann an 2008.[1][2]

Anns na 1990an, nochd Derek anns an t-siaban Ghàidhlig Machair, a’ cluich Iain MacÌomhair.[3] Ann an 1993-1994 bha e sa phrìomh-sgioba de chluicheadairean anns an t-sreath telebhisein àbhachdais Ran Dan, agus a-rithist ann an 2003-2004 bha e sa phriomh-sgioba aig Air ais air an Ran Dan. Ann an 2011 rinn e fhéin agus Emma NicAonais preasantadh air an t-sreath BBC Alba Siuthad! Siubhail!, anns an do shiubhail iad air feadh Albann a’ feuchainn ghnìomhachdan annasachd do luchd-turais.[4]

’S ann à Nis ann an Leòdhas a tha Derek. Bha e ’na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig bho 1990 gu 1991, agus ’na dhéidh sin ’na phoileasman le Polas Srath Cluaidh. Tha e ’na neach-leantainn Chamanachd Leòdhais.

Tha e a-nis a’ preasantadh a phrògram-ciùil fhéin Siubhal gu Seachd le Pluto gach feasgar DiLuain gu Diardaoin bho 5.30f gu 7f air Radio na Gàidheal.[5]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. https://web.archive.org/web/20150702122020/http://www.celticmediafestival.co.uk/show-winners/6, A’ tarraing air 2015-06-19
  2. Celtic Media award for Derek Murray”. Ann an: Stornoway Gazette, 29 an Giblean 2008. Air a thogail 19mh dhen Ògmhios 2015. 
  3. MURRAY, Derek M. - Film & TV Database”. BFI. Air a thogail 19mh dhen Ògmhios 2015.
  4. http://www.bbc.co.uk/programmes/b01mx2y6
  5. http://www.bbc.co.uk/programmes/b007jdfw

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]