Camanachd

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Camanachd

Tha camanachd no iomain, air a bhith ga cluich o chionn da mhìle bliadhna leis na Gàidheil. Thug a' chiad Ghàidheil an geam leatha a Èirinn nuair a rainig iad Dal Riata ann an linn Chaluim Chille. Tha iomain ga chleachadh mar gnìomhair cuideachd gu bitheanta anns a' Ghàidhlig. An àite a bhith ag radh "Tha mi a' cluich camanachd" no "tha mi a' cluich iomain", bithear ag radh "Tha mi ag iomain".

Thèid iomain a chleachdadh cuideachd a thaobh a bhith a' trusadh sprèidh is caoraich.

Eachdraidh[deasaich | edit source]

Aig aon àm, bha daoine ga cluich air feadh na dùthcha, m.e. Bearaig-a-tuath, Gallaibh is Glaschu, ach la-an-diugh, tha e làidir ann an Srath Spè, an t-Eilean Sgitheanach, agus an Gearasdan agus àiteachan eile air feadh na Gaidhealtachd le grunn sgiobaidhean. Anns na bailtean mòra, thòisich oileanaich is maoir-sìth Gaidhealach clubaichean cuideachd.

B'abhaist dha iomain a bhith air a cluich tron gheamhradh , leis a' bhliadhna a' toiseachadh anns an Lunasdal is a' dol gu Ceitean (Mar ball-coise). Gu mi-fhortanach, chan eil an t-side air a' Ghaidhealtachd uamhasach coibhneil aig an am seo, 's mar sin uaireannan shineadh a' bhliadhna gu Iuchar, uaireanann a' criochnachadh cha mhor cola deug mus do thoisich an ath bhliadhna. Ann an 2003, co-dhuin na clubaichean airson sgeama gearr-uine de dh'iomain san t-samhradh a chur air bhog. Bha seo air leth soirbheachail le barrachd gheammannan gan cluich air an dearbh latha (Ged bha trioblaidean le cus geamaichean riochdachaidh gun fheum ag adhbhrachadh cus cinn-seachdain ban). Anns an t-Samhain 2005, le moran moladh bho Chomunn na Camanachd, chaidh iomain samhraidheil a' dearbhadh gu tur le taghadh cha mhor aon-ghuthach. ged bha sgiobaidhean mora mar Baile Ùr an t-Sleibh, Ceann a' Ghiuthsaich, agus Kyles Athletic a' cur na h-aghaidh gus a' mhionaid mu dheireadh.

Co-fharpaisean[deasaich | edit source]

Sgiobaidhean[deasaich | edit source]

Na h-Oilthighean[deasaich | edit source]

Sgiobaidhean Eile[deasaich | edit source]

Sgiobaidhean ann an Ameiriga a Tuath[deasaich | edit source]

Riaghailtean[deasaich | edit source]

'S e geama simplidh th 'ann an iomain, ann an geama nam fear tha da cluicheadaran dheug air gach sgioba agus feumaidh iad am ball a chur eadar da phost airson tadhal fhaghinn. Tha iad a' cleachdadh caman a tha deante le fiodh agus ball a tha deante le leadar.

Structar[deasaich | edit source]

'S e Comunn na Camanachd a th' anns a' bhuidhean stiùiridh aig camanachd agus tha dleastanas aca urra ri riaghailtean a' gheama. Tha Bord Stiuiriche aca.

Iomain Thall Thairis[deasaich | edit source]

Ged thug na Gaidheil camain leotha air feadh an t-saoghail nuair a dh'imrich iad a Alba as deidh Cul Lodair agus nam Fuadaichean is gun deach iomadach gheamannan a chluich ann an aiteachan cho sgapte ri Patagonia gu Astràilia, chaidh an cleachdadh seo a bith as deidh greis. (Chaidh rannsachadh miorbhaileach a dhèanamh air seo le Uisdean D. Macilleannan mar phairt den trachas acadaimiceach aige). A dh'aindeoin seo, chaidh an geama ath-bheothachadh ann an Aimearaga-a-Tuath anmoch sna 1990an le Camanachd California a Tuath, a chaidh a thoiseachadh le daoine aig an robh uidh anns a' gheama agus ann an cultar na h-Alba.) a-nis, tha barrachd sgiobaidhean air eirigh air taobh an iar Ameiriga agus ann an Texas. Thàinig California a Tuath gu Alba anns an t-Samhradh 2005.

Ceangal a-muigh[deasaich | edit source]

Larach-lin Chomunn na Camanachd