An Gearasdan
An Gearasdan | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Parraist | An Gearasdan |
Co-chomharran | 56° 49′ Tuath 5° 6′ Iar |
Comharradh-clèithe | NN105741 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 9,908 (2001) |
Àireamh fòn | 01397 |
Còd-puist | PH33 |
Duilleag oifigeil | Tadhal An Gearasdan |
Is e An Gearasdan (Fort William sa Bheurla, ainmeachadh airson an Rìgh Uilleam III Shasainn is II Alba)[1] prìomh-bhaile Loch Abar agus, còmhla ris an Òban, aon de'n dà bhaile as motha anns a' Ghàidhealtachd an Iar.
Tha e na cheann-uidhe coiteanta airson làithean-saora agus, a' tighinn an dèidh Dùn Èideann, thatar ag ràdh gur e an dara ceann-uidhe turasachd ann an Alba. Bithidh sluagh a' bhaile a' dùblachadh as t-samhradh air sgàth uidhir a luchd-turais a bhitheas a' tighinn a-steach.
A' Ghàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail sa Ghearasdan/Loch Abar sna bliadhnaichean 1922, 1927, 1932, 1981, 1985,[2] 1999, 2007 agus 2017. Thòisich Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, bun-sgoil làn-Ghàidhlig, sa bhliadhna 2015 ann an togalach ùr air Rathad Àird Dhobhair.
Bha Gàidhlig aig 726 daoine, 7.33%, ann an 2001.[3]
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha An Gearasdan a' gabhail a-staigh na bailtean beaga Caol, Clagan, is Inbhir Lòchaidh, agus tha e faisg air a' chlachan croitearachd Blàr mac Faoilteach, agus na bailtean beaga, Drochaid an Aonachain agus Omhanaich.
Tha am baile air an rathad A82 eadar Glaschu agus Inbhir Nis, agus cuideachd far an tòisich Rathad nan Eilean, a dh'ionnsaigh Malaig is nan eileanan.
Tha An Gearasdan ainmeil mar am baile aig cas Beinn Nibheis, am beinn as àirde ann an Alba agus, (ann am Monadh Dhruim Uachdair), ach tha mòran bheanntan eile mun cuairt air a' bhaile; mar Meall an t-Suidhe, agus am monadh mu thuath, Druim Fada.
Tha am baile air oisean dà loch — Loch Iall agus An Linne Dhubh.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha An Gearasdan am meadhan dùthaich Clann Chamshron, agus chaidh an "gearasdan", no daingneach, a shuidheachadh gu tùsail a chumail nan Gaidheal fodha an dèidh an ar-a-mach Seumasach.
Bha baile beag nas tràithe ann aig Inbhir Lòchaidh, làrach a' bhlàir ainmeil, Cath Inbhir Lòchaidh.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC Naidheachdan 2015-12-07: Togail don Ghàidhlig ann an Loch Abar
- [http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/35869796 BBC Naidheachdan 2016-03-22: Cùmhnant do dh'oifisean comhairle sa
Ghearasdan]
- Obair gus tòiseachadh air leudachadh do Bhun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar (Comhairle na Gàidhealtachd 2021-03-12)
- BBC Naidheachdan 2016-07-19: Taigheadas ùr ’sa Ghearasdan (aithris-bhideo 0:46)
Leughadair
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC Naidheachdan 2016-02-25: “Mìosan” mus bi fios mu Rio Tinto
- BBC Naidheachdan 2016-11-23: Leaghadair Loch Abair ga reic
- BBC Naidheachdan 2016-12-19: 600 cosnadh do Loch Abair
- BBC Naidheachdan 2016-12-20: Na ceudan obraichean ùra sa Ghearasdan (aithris-bhideo 1:59)
- BBC Naidheachdan 2017-02-13: Factaraidh ùr san amharc anns a' Ghearasdan (aithris-bhideo 1:53)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Fort William/An Gearasdan”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 22mh dhen t-Sultain 2017.
- ↑ “Prògram a' Mhòid Nàiseanta”. An Comunn Gàidhealach. Air a thogail 18mh dhen Dàmhair 2017.
- ↑ “Gàidhlig (Scottish Gaelic) Local Studies”. Population figures. Air a thogail 27mh dhen Mhàrt 2017.
Bailtean | Àrasaig • Àth Tharracail • Baile a' Chaolais • Banbhaidh • An Caol • A' Chorpaich • Cille Chòmhain • An Gearasdan • Gleann Fhionnainn • Inbhir Aoidhe • Malaig • Mòrar • An Sàilean • Sròn an t-Sìthein |
Lochan | An Linne Dhubh • Loch Iall |
Sgìrean | Gleann Comhann • Glinn Eilg • Mòinteach Raineach • Bràigh Loch Abar • Cnòideart • Mòrar a Tuath • Mòrar a Deas • Mùideart • Àird nam Murchan • Suaineart • A' Mhorbhairne • Àird Ghobhar |