Jump to content

Loch Iall

O Uicipeid
Loch Iall

Loch Iall agus an Gearasdan
Suidheachadh
Loch Iall is located in Alba
Loch Iall
Loch Iall (Alba)

'S e loch mara ann an Loch Abar eadar Ceann Loch Iall agus an Linne Dhubh a tha ann an Loch Iall (Beurla: Loch Eil no Lochiel).

Tha na h-aibhnichean Fionn Lighe agus Dubh Lighe a' ruith a-steach dhan loch agus ceann an iar. Tha Àird Ghobhar deas air an loch agus an loidhne rèile gu Malaig is Rathad nan Eilean tuath air. Tha caolas faisg air a' Chorpaich agus tha an Canàl Cailleanach agus Abhainn Lòchaidh a' ruith a-steach dhan loch tuath air a' Ghearasdan.[1]

Tha na stèiseanan-rèile Taobh Loch Iall agus Spòrs A-Muigh Loch Iall air a' bhruthaich gu tuath.

Tha òran tradaiseanta air a bheil "Bràigh Loch Iall" ann.[2]

O thèid, is gun tèid,
O thèid mi thairis
Gu innis nam bò,
Far am b' eòl dhomh an ainnir.

I ò bha hò
'S na haoiri rìri ho hi
Hoireann o gù ho hi
O bha hò.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Loch Eil: Historical perspective for Eil, Loch”. Air a thogail 16mh dhen t-Sultain 2024.
  2. Bràigh Loch Iall”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 16mh dhen t-Sultain 2024.
  3. Òrain: Bràigh Loch Iall”. Bliadhna nan Òran. BBC ALBA. Air a thogail 16mh dhen t-Sultain 2024.