An Linne Dhubh
Coltas
Is i An Linne Dhubh loch mara eadar an Linne Sheileach san deas, agus Loch Iall, san iar-thuath. Is iad crìochan na linne dà chaolas: gheibhear an clachan An Caol ainm bho Chaolas na h-Annaid, a dhealaicheas na Linne Dhuibh bho Loch Iall, agus aig a' cheann eile, tha Aiseag a' Chorrain a' ruith thairis air Caolas a' Chorrain, far a bheil an Linne Sheileach a' tòiseachadh. Tha an linne a' dealachadh Àird Ghobhar air taobh an iar, bhon Ghearasdan, air taobh an ear.
Tha Abhainn Lochaidh a' sruthadh a-steach don linne aig Inbhir Lochaidh, tuath air a' Ghearasdan. Tha an Canàl Cailleanach a' ceangal na linne gu Loch Lochaidh.
Tha an t-eilean Lios Mòr aig ceann deas na Linne Sheileach far am bi i a' ruigsinn an Linne Latharna agus a' mhuir.
Bailtean | Àrasaig • Àth Tharracail • Baile a' Chaolais • Banbhaidh • An Caol • A' Chorpaich • Cille Chòmhain • An Gearasdan • Gleann Fhionnainn • Inbhir Aoidhe • Malaig • Mòrar • An Sàilean • Sròn an t-Sìthein |
Lochan | An Linne Dhubh • Loch Iall |
Sgìrean | Gleann Comhann • Glinn Eilg • Mòinteach Raineach • Bràigh Loch Abar • Cnòideart • Mòrar a Tuath • Mòrar a Deas • Mùideart • Àird nam Murchan • Suaineart • A' Mhorbhairne • Àird Ghobhar |