Jump to content

Aiseag a' Chorrain

O Uicipeid
Aiseag a’ Chorrain
slìghe bàt-aiseig
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailGàidhealtachd Deasaich
Siorrachd eachdraidheilEarra-Ghàidheal Deasaich
Domhan-leud is -fhad56°43′21″N 5°14′34″W Deasaich
Map

Tha Aiseag a’ Chorrain (Beurla: Corran Ferry) a’ dol 250m thar Caolas a’ Chorrain, an caolas cumhang eadar an Linne Dhubh a tha a’ sìneadh a-steach dhan Ghearasdan 14km dhan ear-thuath, agus an Linne Sheileach a tha a’ sìneadh a-mach gu Lios Mór agus an t-Òban agus an t-Eilean Muileach san iar-dheas. Tha e a’ dèanamh ceangail eadar sgìre Àird Ghobhar air an taobh an iar agus sgìre Loch Abar Ìochdarach air an taobh an ear, far a bheil am prìomh-rathad an A82 a tha a’ dol bho Ghlaschu dhan Ghearasdan. Tha e sàbhaladh barrachd is uair a thìde de dhràibheadh eadar Àird Ghobhar agus an Corran, agus tha e cudromach airson conaltradh ri na sgìrean iomallach a’ Mhorbhairne agus Àird nam Murchan.

’S e Comhairle na Gàidhealtachd a tha a’ ruith na seirbheis. Tha aiseag a’ falbh gach 20 no 30 mionaid, fad seachd làithean den t-seachdain. Théid luchd-coiseachd saor ’s an asgaidh, ach tha càr a’ cosg mu £8.20.[1]

Tha Slighe Baidhsagail Nàiseanta 78 bho Ceann Tìre gu Inbhir Nis a' cleachdadh Aiseag a' Chorrain agus Aiseag Camas nan Gall eadar Baile a' Chaolais agus An Gearasdan agus an A82 ro thrang.[2]

Anns a' Ghiblean 2023 bha na bàtaichean air an slighe seo, an MV Corran agus a h-ionadach eadar-amail, an MV Maid of Glencoul, a-mach à seirbheis agus an t-seirbheis airson luchd-coiseachd agus luchd-baidhsagail a-mhàin. Tha Ministreachd an Dìon a' rannsachadh taic a thoirt.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Corran Ferry”. Comhairle a' Ghàidhealtachd. Air a thogail 20mh dhen Ghiblean 2023.
  2. The Caledonia Way”. Sustrans. Air a thogail 30mh dhen Ghiblean 2023.
  3. MOD an sàs air Aiseag a' Chorrain”, Naidheachdan a' BhBC. 20mh dhen Ghiblean 2023. Air a thogail 20mh dhen Ghiblean 2023. 

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]