Lios Mòr

O Uicipeid
Sealladh air Lios Mòr agus na beanntain Cheann Gheàrrloch
Caisteal Achanduin ann an Lios Mòr
Caisteal Choeffin ann an 1995

'S e aon de na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Lios Mòr (IPA: [ʎis̪ moːɾ]) Tha e suidhichte san àird an iar na h-Alba. Tha e san àird an earra-thuath Mhuile ann an Loch Dubh. Bha an t-eilean aig an t-Siorrachd tradaiseanta Earra-Ghaidheal; a-nise tha e fo smachd Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bòd.

Tha Lios Mòr 12 cilemeatair a dh’fhad agus 2 cilemeatair a leud le 5,809 acair ceàrnagach de mheud. 'S e Achadh na Croise am baile as motha. 'S e Barr Mòr (127 meatair; 416.7 troigh) a’ bheinn as àirde anns an eilean. Tha Taigh-solais Lios Mhòir suidhichte ann an Eilean Musdile san àirde an iar deas Lios Mhòir. Chaidh an taigh-solais a thogail le Robert Stevenson. Tha broch Cruithneach faisg air Tirfuir, tha na ballaichean aige cho àrd ri 15 troighean agus cho tiugh ri 19 troighean. Cuideachd tha dà chaisteal às an 13mh linn ann, Caisteal Choeffin agus Caisteal Achadh an Dúin.

Anns a’ bhliadhna 2001 bha 146 duine a' fuireach ann. [1] A rèir cunntas-sluaigh 2011 tha 192 duine a' fuireach a-nis ann an Lios Mòr. [2] Tha dìreach aon bhùth ann, far a bheil oifis a' phuist cuideachd. Tha bun-sgoil ann an Lios Mòr ach airson àrd-sgoil feumaidh a' chlann a dhol don Òban.

Tha Lios Mòr ceangailte le Tìr mòr na h-Alba le dà aiseag. Tha an t-aiseag airson chàraichean a’ ruith don Òban, agus aiseag airson daoine a-mhàin eadar ceann a tuath na h-eilean agus Port na h-Apann.

B' àbhaist do Lios Mòr a bhith na teis-mheadhan Crìosdaidheachd. Bha manachainn ann a chaidh a chuir air bonn le Naomh Moluag, (530 - 592), manach à Èirinn co-aoiseach le Calum Cille. Anns na Meadhan-Aoisean bhiodh easbaigean Earra-Ghàidheal a’ fuireach ann an Caisteal Achanduin gus an 16mh linn.

Gàidhlig anns an eilean[deasaich | deasaich an tùs]

Comann Eachdraidh Lios Mòr.

Anns a' bhliadhna 2001, bha Gàidhlig aig 29% den àireamh-shluaigh.[3] Chaidh seo sìos gu eadar 10% agus nas na lugha 25%, anns a' bhliadhna 2011.[4]

Tha amas aig Comann Eachdraidh Lios Mòr, suidhichte dà mhìle air falbh bhon bhaile as motha ann an Achadh na Croise, Gàidhlig a bhrosnacadh agus dualchas Gàidhlig an eilean a ghleidheadh.[5]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Scotland's Island Populations”. Scottish Islands Federation. Air a thogail 1d dhen t-Samhain 2008.
  2. National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015
  3. Scotland's Census 2001 Statistics for Inhabited Islands”. General Register Office for Scotland. Air a thogail 26mh dhen Ghiblean 2024.
  4. Scotland's Census 2011: Gaelic Report”. National Records of Scotland. Air a thogail 26mh dhen Ghiblean 2024.
  5. An Togalach”. Comann Eachdraidh Lios Mòr. Air a thogail 26mh dhen Ghiblean 2024.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]