Ìosaigh

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Ìosaigh, na h-Eileanan Siar air a cùlaibh

'S e eilean san àird an iar thuath an Eilein Sgitheanaich a tha ann an Ìosaigh (IPA: [ˈiəs̪aj], Beurla: Isay). Tha e suidhichte ann an Loch Dhùn Bheagain agus tha e na phàirt de na h-Eileanan a-staigh. Tha na h-eileanan Mingay agus Clett faisg air. 'S e seo na Co-chomharran aige: 57° 31′ 0″ Tuath , 6° 39′ 0″ Iar. Tha e cho farsaing ri 60 heactair, agus tha an t-àite as àirde cho àrd ri 28 meatair (92 troigh).

Thàinig an t-ainm Ìosaigh bhon fhacal Seann Lochlannais "ise-øy" a tha a’ ciallachadh "Eilean eighe". [1]

Anns an 19mh linn bha timcheall air 90 duine a’ fuireach anns an eilean. Ach aig àm nan Fuadaichean, dh’fheumadh a-uile duine an eilean fhàgail airson Ìosaigh a chur fo chaoraich.

Anns na 1980an bha an t-eilean aig an neach ciùil Donovan. An-diugh chan eil daoine sam bith a’ fuireach ann. Còmhla ris na h-Eileanan Ascrib agus Loch Dhùn Bheagain 's e Special Area of Conservation a th' annta. [2][3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Iain Mac an Tàilleir, "Placenames", duilleag 67, Pàrlamaid na h-Alba
  2. Scottish Natural Heritage - Ascrib Isay and Dunvegan Special Area of Conservation
  3. European Environment Agency

Tuilleadh leughaidh[deasaich | deasaich an tùs]

  • Haswell-Smith, Hamish (2004): The Scottish Islands. Dùn Èideann: Canongate. ISBN 1841954543. 


Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 218 570