Jump to content

Eige

O Uicipeid
Eige
Eige; sealladh bhon aiseig eadar Malaig is Armadal
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre A' Ghàidhealtachd
Innis-mhuir Na h-Eileanan Tarsainn
Co-chomharran 56.9º T
6.16667º I
Comharradh-clèithe NM476868
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 30.49 km²
Àireamh-shluaigh 83 (2011)
Dlùths 2.72/km²
An Sgurr, a' bheinn as àirde air an eilean

'S e aon de na h-Eileanan Tarsainn a tha ann an Eige (IPA: [ˈekʲə], Beurla: Eigg). Tha e suidhichte anns na h-Eileanan a-staigh air àird a deas an Eilein Sgitheanaich agus air àird a thuath leth-eilean Àird nam Murchan. Tha Eige 9 km a dh’fhad agus 5 km a leud. Le 12 mìltean ceàrnagach de mheud 's e Eige an dàrna eilean as motha de na h-Eileanan Tarsainn. Tha an cuid as motha de na daoine a' fuireach ann an Cliadal. 'S e tuineachaidhean eile a tha ann an Cill Donnain, Sandamhòr, Lathaig, Thùlain, A' Chuagach agus Galmasdal.[1]

'S e an Sgurr (393 m/1289 troigh) a' bheinn as àirde a tha anns an eilean. Is dòcha gu bheil ainm an eilein ceangailte le lochan faisg air Sgùrr Eige, Loch nam Ban Mòra. Bha ainm eile air Eige cuideachd: Eilean nam Ban Mòra.[2] Ann am meadhan Eige tha àrd-thìr ann a tha còmhdaichte le mòinteach.

Tha an aiseag MV Loch Nibheis a' ruith eadar Malaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc. Tha an cidhe faisg air Galmasdal. Tha taigh-solais ann an Eilean Chathastail dìreach air àird an ear-dheas Ghalmasdal. Ged as urrainn don aiseig càraichean a thoirt leatha, chan eil e ceadaichte do luchd-turais càraichean a chleachdadh air Eige.

Bha an t-eilean le neach-spòrs Keith Schellenberg nach maireann agus neach-ealain às a' Ghearmailt Marlin Eckhard no Maruma mus do cheannaich muinntir an àite an t-eilean tron Urras Dualchas Eige ann an 1997.[3] Tha an t-Urras aig an Comann Luchd-Fuirich Eige, Comhairle na Gàidhealtachd agus Urras Fiadh-bheatha na h-Alba.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ainmean Gàidhlig a rèir Guide to the Isle of Eigg Postcard Maps, Isle of Eigg Craftshop.
  2. Mac an Tàilleir, Iain: “Placenames”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 20mh dhen Lùnasdal 2016.
  3. Eigg Heritage Trust(Beurla). Air a thogail 20mh dhen Lùnasdal 2016.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: