Armadal

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Armadal
View from Armadale Castle towards Armadale.jpg
Sealladh bho Chaisteal Armadail air Armadal
Suidheachadh
Armadal is located in Alba
Armadal
Armadal (Alba)
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Co-chomharran 57° 3′ 54″ T
5° 53′ 31″ I
Comharradh-clèithe NG641038
Feartan fiosaigeach

Is dòcha gu bheil thu a' lorg Armadail, Lodainn an Iar

Caisteal Armadail

'S e baile beag ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach a th' ann an Armadal[1] (Beurla: Armadale). 'S e port-mara airson na h-aiseige a tha ann. An sin tha aiseagan a' dol eadar Armadal agus Malaig le Caledonian Mac a' Bhriuthainn.

Tha bùth coimhearsnachd ann an Armadal anns a bheil oifis a' phuist agus ionad-fiosrachaidh luchd-turais. A bharrachd air sin tha Bùth Tuathanas an Eilein agus garaids ann. Ri taobh a' chidhe tha taigh-bìdh beag leis an ainm "The Shed", bùth leathair agus bùth aodaich. Gheibhear bàta bhon chidhe a bheir luchd-turais a Chnòideart, Eilean Rùm agus cuairtean mara gus beathaichean fhaicinn.

Tha Ionad Clann Dòmhnaill[2] suidhichte ann an Armadal le 40 acair fearann, a' gabhail a-steach gàrradh mòr, caisteal nan Dòmhnallach, taigh-tasgaidh air eachdraidh nan Eilean agus taigh-bìdh. Bidh mòran bhusaichean luchd-turais a' tadhal air an ionad gach bliadhna.

A rèir Iain Mhic an Tàilleir 's e ainm Lochlannais a tha ann an Armadal.[1]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Iain Mac an Tàilleir (2003): Ainmean-àite, td 8
  2. Clan Donald Skye (Beurla)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]