Rùm

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Loch Fiachanais ann am meadhan Rùm
A' Bhrideanach
Caisteal Cheann Locha, a chaidh a thogail le George Bullough

'S e aon de na h-Eileanan Tarsainn a tha ann an Rùm (IPA: [rˠuːm]). Tha e suidhichte anns na h-Eileanan a-staigh san àird a deas an Eilein Sgitheanaich agus san àird an iar Mhallaig. Le 40 mìltean ceàrnagach de mheud 's e Rùm an t-eilean as motha de na h-Eileanan Tarsainn.

An t-Eilean[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Ceann Locha (Beurla: Kinloch) na clachan as motha anns an eilean, tha e suidhichte san àird an ear an eilean aig ceann Loch Scresort, far a bheil am port-mara cuideachd. Tha Caisteal Cheann Locha faisg air a' bhaile a chaidh a thogail ann an 1900. 'S e "A' Bhrideanach" an t-àite as fhaide san iar dhen eilean. 'S e Askival (812 meatair/2,664 troigh) a’ bheinn as àirde a tha anns an eilean. Tha i suidhichte mu 5 cilemeatair san àird a deas Cinn Locha. Canar "Na Cuilthionnan Ruma" leis na beanntan anns an eilean, tha iad eadar-dhealaichte bho na Cuiltheann anns an Eilean Sgitheanach.

A-rèir cunntas-sluaigh 2011 tha 22 daoine a’ fuireach anns an eilean fhèin,[1] tha iad uile ann an Ceann Locha. Tha an cuid as motha dhiubh ag obair mar rannsachair neo luchd-obrach airson Scottish Natural Heritage. Tha iad ann còmhla leis an teaghlach aca, mar sin tha bun–sgoil beag ann le dìreach tidsear a-mhàin. Tha talla a’ bhaile, bùth agus oifis a’ phuist ann an Ceann Locha cuideachd, ach chan eil taigh-seinnse neo eaglais ann. [2] Tha an aiseag MV Loch Nibheis a’ ruith eadar Mallaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Bha daoine a’ fuireach ann an Rùm bhon 8mh linn RC, bha na Lochlannaich ann cuideachd. B’ àbhaist a bhith timcheall air 450 duine a’ fuireach air an eilean. Ach eadar 1826 is 1828, aig àm nan Fuadaichean, dh’fheumadh a h-uile duine an eilean fhàgail airson Rùm a chur fo chaoraich. Dh'fhàg 300 duine gu Alba Nuadh ann an 1826, agus an corr dhiubh ann an 1828 còmhla ri 150 duine eile à Eilean nam Muc.[3] Thuirt fianais-shùl a bha ann nach do dìochuimhnich e gu siorraidh brath:

"the wild outcries of the men and heart-breaking wails of the women and children filled all the air between the mountain shores".[4]

Ach cha robh gnìomhachas caoraich soirbheachail. Sgrìobh an t-eòlaiche-chreagan Hugh Miller:

The single sheep-farmer who had occupied the holdings of so many had been unfortunate in his speculations, and had left the island: the proprietor, his landlord seemed to have been as little fortunate as his tenant, for the island itself was in the market; and a report went current at the time that it was on the eve of being purchased by some wealthy Englishman, who purposed converting it into a deer forest. How strange a cycle! [5]

Reic MacLean of Coll Rùm don Marquess of Salisbury ann an 1845, chleachd esan an t-eilean airson spòrs agus fois a ghabhail. Ann an 1888, cheannaich John Bullough à Lancashire Rùm. An uair sin bha e aig Sir George Bullough, bha esan a' feuchainn ainm an eilein ag atharrachadh gu Rhum air sgàth 's nach toil leis a bhith na "Laird of Rum".

Anns a’ bhliadhna 1957 reic George Bullough an t-eilean don Nature Conservancy Council, ris an canar Scottish Natural Heritage san làithean an-diugh. Dh’atharraidh iad an t-eilean gu tèarmann-nàdair. A-nise tha Rùm ainmeil airson nan eòin, m. e.: bidh mu 100.000 sgrab (Puffinus puffinus) a' neadachadh an seo gach bliadhna. Tha biastan dubha, ròin, gobhair is iolaire-mara ann cuideachd.

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015
  2. "Frequently Asked Questions" Isle of Rum community. a' tarraing air 27 an Dàmhair 2007.
  3. Love, J.A. "Rhum's Human History" in Clutton-Brock and Ball (1987) duilleag 39-40.
  4. Waugh, Edwin (1882) The Limping Pilgrim quoting an unknown shepherd. Recorded in Love, J.A. "Rhum's Human History" in Clutton-Brock and Ball (1987) duilleag 40.
  5. Miller, Hugh (1845) The Cruise of the Betsey. National Museums Of Scotland: (2000 reprint). ISBN 978-1-901663-54-9

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: