Jump to content

Gòmastra

O Uicipeid
Gòmastra
Drochaid eadar Gòmastra (clì) is Ulbha (deas)
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Innis-mhuir Na h-Eileanan a-staigh
Co-chomharran 56° 29′ 28″ T
6° 17′ 13″ I
Comharradh-clèithe NM361414
Feartan fiosaigeach

'S e eilean ann an Earra-Ghàidheal, Alba a th' ann an Gòmastra (Lochlannais: "Goðrmaðray", Beurla: Gometra).[1] Tha an t-eilean aig Roc Sandford. Tha e suidhichte ri taobh Ulbha agus tha drochaid a' ceangal an dà eilein.[2]

Ged a bha còignear a' fuireach ann an Gòmastra anns a' bhliadhna 2001, a-rèir cunntas-sluaigh cha robh ach dithis a' fuireach anns an eilean ann an 2011.[3]

Ged a dh'adhbharaich na planaichean connspaid anns an eilean ann an 2012[4] fhuair Companaidh Bradain na h-Alba cead airson tuathanas-èisg a thogail far a' chosta ann an 2020.[5]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Gometra (Ag&B)”. LearnGaelic. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2020.
  2. Kerr, Moira: “Hebridean residents warn: our island is going to sink”, An t-Albannach. 26mh dhen Lùnasdal 2019. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2020. 
  3. National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015
  4. Wolff, Andreas: “Draghan mu thuathanas-èisg Ghomastra air taobh siar Eilean Mhuile”, Naidheachdan a' BhBC. 24mh dhen Iuchar 2012. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2020. 
  5. Marine Farm - Finfish Farm - Gometra, Loch Tuath, Isle of Mull - 06886”. Marine Scotland. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2020.