Canaigh

O Uicipeid
Canaigh
An Corra-dhùn; caisteal briste san àird an ear Chanaigh [1]
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre A' Ghàidhealtachd
Innis-mhuir Na h-Eileanan Tarsainn
Co-chomharran 57.05790º T
6.54564º I
Comharradh-clèithe NG244058
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 11.3 km²
Àireamh-shluaigh 12 (2011)
Dlùths 1.06/km²

'S e eilean anns na h-Eileanan Tarsainn a tha ann an Canaigh (Beurla: Canna).[2] Anns a’ bhliadhna 2011 bha 12 daoine a’ fuireach an seo.

Tha Canaigh ainmeil airson nan eòin aige.

Cruinn-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Canaigh, eilean à basalt, mu 7 km (4.3 mìltean) a leud agus 1.5 km (0.9 mìle) air fhad. Tha an t-eilean Haoisgeir (Beurla: Haiskeir) mu 10 km an iar-dheas Chanaigh. Tha an t-eilean ceangailte ris an Eilein Gainmhich le drochaid.

'S e an Càrn a' Ghaill an cnoc as àirde air Canaigh le 210 m (689 troigh) de dh'àirde. 'S e an àird an iar an eilein tha Ceann Creag-airighe le 130 m de dh'àirde.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Bhuineadh an t-eilean do Clann 'Ic Ailein ro 1827,[3] is bha Alasdair mac Mhaighstir Alasdair na bhàillidh Canaigh eadar 1749 agus 1751. An dèidh sin bhuineadh an t-eilean don teaghlach Thom. Thog Allan W. Thom an eaglais Pròstanach ann an 1914 mar chuimneachan air an athair aige.[4]

Cheannaich Iain Latharna Caimbeul, seinneadair agus sgoilear Gàidhlig, Canaigh ann an 1938. Anns a’ bhliadhna 1981 thug e an t-eilean do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba, ach bha cead aige a bhith a’ fuireach ann an Taigh Chanaigh, gus an do chaochail e ann an 1996. Chum Mairead Fay Sheathach, a' bhean aige, air cruinneachadh stuthan Gàidhlig, gus an do chaochail i anns a’ bhliadhna 2004, bha i 101 bliadhna a dh’aois[5] còmhla ri Magda Sagarzazu a dh'fhuirich an sin.[6] Fhàg Sheathach an leabharlann agus an tasglann fìor mhath a tha ann an Taigh Chanaigh don Hebridean Trust. Tha planaichean aca gum bi an leabharlann fosgailte mar àite rannsachaidh don a h-uile duine.

Giùlan[deasaich | deasaich an tùs]

MV Loch Nibheis

Tha port na mara mòr nàdarrach ann a tha suidhichte eadar Canaigh agus Sandaigh. Anns a’ bhliadhna 2005 leudaicheadh an cidhe. Cleachdaidh aiseagan Chaledonian Mac a' Bhriuthainn e. Tha an t-aiseag MV Loch Nibheis a' ruith eadar Malaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Canna, Coroghan Castle”. Canmore. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2016.
  2. Canna”. Ainmean-Àite an h-Alba. Air a thogail 2na dhen Lùnasdal 2018.
  3. Canna of the Clanranalds”. Canna Local History Group. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2016.
  4. Canna, Church of Scotland”. Canmore. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2016.
  5. MacUilleam, Brian: “Margaret Fay Shaw”, The Guardian. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2016. 
  6. Luaidh ga dhèanamh air Magda Sagarzazu”, Naidheachdan a' BhBC. 4mh dhen Ògmhios 2020. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2020. 

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: