Ì Chaluim Chille

O Uicipeid
Ì
Crois Idhe
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre Earra-Ghàidheal
Innis-mhuir Muile
Co-chomharran 56.333333º T
6.416667º I
Comharradh-clèithe NM275245
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 8.77 km²
Àireamh-shluaigh 177 (2013)
Dlùths 20.18/km²
Calum Cille

'S e Ì, neo Idhe, fear den Innse Gall. Tha Ì ann an Earra-Ghaidheal ann an Alba. A-rèir cunntas-sluaigh 2011 bha 177 duine a' fuireach anns an eilean agus mar sin dh'fhàs àireamh muinntir an eilein bho 125 duine anns a' bhliadhna 2001.[1]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Anns a' bhliadhna 563 thàinig bàta gu tìr Eilean Idhe. Am Broinn an currach bha imrich à Èirinn - manaich a bh' annta agus nam measg bha duine a bhiodh cho cudthromoch ann an eachdraidh na Breatainn ri neach sam bith a bha bèo sna meadhan aoisean. 'S e an eaglais a thòisich Calum Cille, ris an can a chuid mhòr do luchd-eachdraidheal an eaglais Ceilteach, a dh'iompaich taobh tuath Breatainn gu creideamh Chrìosd. Am measg nam manachainnean mòra ainmeil a bha stèidhichte fo eaglais Chaluim Chille bha leithid Lindisfarne an tuath Sasainn agus Dharù is Dhoire ann an Eirinn. B' e I fhèin am prìomh eaglais aig na Cruithnich. Bha ceanglaichean mòra eadar na mannaich ann an I agus an teaghlach cùmhachdach o Eirinn, Clann Ui Nèill. Chan ann a mhàinn ri na dùthchannan Ceilteach a bha cùmhachd Eaglais Chaluim Chille ach cuideachd ri gall mar na Lochlannaich (an dèidh dhaibh gabhal ri Crìosd) agus na Sasannaich. Tha rìghrean bhon Nirribhidh agus Sasainn air an tioghlaigeadh air an eilean cuide ri iomadach rìgh bho Dàl Riada, Eirinn, Alba agus eile.


Suidheachadh ann an Alba

Ainm an eilein[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Iona, ainm Beurla an eilein, a' tighinn bho leughadh ceàrr air "Ioua", a tha a' ciallachadh, 's dòcha, "eilean nan craobh iubhair". Bhon a tha ainm an eilein sa Ghàidhlig, "Ì", cho goirid, théid a shìneadh mar as trice gu "Ì Chaluim Chille" no gu "Eilean Idhe" ('s e tuiseal ginideach a tha ann an "Idhe"). Canar "Idheach" ri cuideigin à bhuinneas don eilean, agus canar cuideachd "Ì nam ban bòidheach" ris an eilean. (Fiosrachadh bho Iain Mac an Tàilleir)

Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn ann an Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

  • Dòmhnullach, An t-Urr. Colla, D.D. (1938). 'Eilean I'. Ann an Am Measg nam Bodach. Glaschu: An Comunn Gaidhealach. dd. 25–33.

Aistean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]