Ìosa Crìosd

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Iosa Chrìosd)
Jump to navigation Jump to search
Ìosa Crìosd
Spas vsederzhitel sinay.jpg
Beatha
Ainm slàn Jesús de Nazaret
Breith Bethlehem, 2 aC
Àite-fuirich Nazareth
Capernaum
Galilee
Cinneadh Iùdhaich
Ciad chànan Aramais
Eabhra
Bàs Calvary, 33 dC
Àite-adhlacaidh tuama Ìosa
Eaglais an Tìodhlacaidh Naoimh
tuama Talpiot
tuama a’ ghàrraidh
Nàdar a’ bhàis peanas bàis (ceusadh)
Teaghlach
Athair Joseph, Dia an t-Athair
Màthair Moire
Cèile unknown value
Càraid unknown value
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Fine an teaghlach naomh
Foghlam
Foghlam unknown value
Cànain Aramais
Eabhra
Koine Greek
Oileanaich Peter
Anndra Abstol
James
John the Apostle
Philip the Apostle
Bartholomew the Apostle
Thomas the Apostle
Matthew the Apostle
James, son of Alphaeus
Jude the Apostle
Simon the Zealot
Judas Iscariot
Mary Magdalene
Dreuchd
Dreuchd searmonaiche, fàidh, saor, rabbi, curandero, thaumaturge agus religious leader
Cuideam unknown value
Àirde unknown value
Àitichean-obrach Galilee
Fastaichean unknown value
Obraichean comharraichte miracles of Jesus
Prayers of Jesus
Parables of Jesus
Buaidh Eòin Baistidh
Gluasad apocalypticism
Gnè ealain parable
Inneal-ciùil unknown value
Tèarmann
Nollaig, A' Chàisg agus fèilltean an Tighearna Ìosa Chrìost
Creideamh
Creideamh Iùdhachd
IMDb ch0006201

R. Bethlehem, mu 4 R.C. B. Ierusalem mu 33 A.C.

A-rèir na Crìosdaidhean se "Mac Dhè. Slànaighear. Mac an Duine." a tha ann, ach se figear gu math connspaideach a tha ann, gu h-àraid a-measg nan Iùdhach.

'Se Ìosa an Iùdhach bho Nasaret a thòisich an creideamh Crìosdaidh le na thuirt e is na theagaisg e. Tha e cuideachd air ainmeachadh mar "Ìosa Crìosd" no dìreach "Crìosd". Tha an t-ainm Ìosa a tighean bhon ainm Eabhra "Yeshua" a tha tighean bho "Yehovah-shua" a ciallachadh "Glèidhidh Dia." Tha am facal Crìosd a tighean 'on facal Greugais "Khristós" (Χριστός) a ciallachadh "an neach coisrigeadh." Tha am facal Eabhra "Moshiach", no Mesiah 'sa Ghàidhlig agus 'sa Bheurla, a ciallachadh an aon rud ris an Greugais Khristós.

'S ann anns an Tiomnadh Nuadh 'sa Bhìoball a lorgas sinn na sgeulachdan mu Ìosa. Cha do sgrìobh duine mu dheidhinn nuair a bha e beò agus mar sin chan eil sinn cho eòlach air a bheatha 'sa bhitheadh sinn an dòchas.

Tha am Bìoball ag ràdh gun robh Ìosa beò ann an àm Impireachd an Roimh anns an dùthaich far a bheil Israel an diugh. Chaidh a' bhreith fhad 's a bha a mhàthair agus athair a fuireach ann an sabhal seach nach robh rum anns na taighean-òsda. Tha latha Nollaig againn mar latha-saor airson seo a chuimhneachadh.

Nuair a dh'fhàs Ìosa na inbheach thoisich e a siubhal mun dùthaich a teagaisg agus an innis sgeulachdan. Bha e a teagaisg gum bu chòir do dhaoine gaol a thoirt do Dhia agus cuideachadh a thoirt do chèile.

Bha gu leòr ag ràdh gum b' urrainn dha mìorbhail a dhèanamh mar uisge a thionndadh gu fìon, slàinte a thoirt air ais do dhaoine tinn agus fiù beatha thoirt air ais do feadhainn a bhàsaich.

Nuair a dh'fhàs Ìosa ainmeil chaidh e gu Ierusalem. An sin thionndaidh na sagartan cumhachdach Iùdhach na aghaidh agus chaidh a mharbhadh le na Ròmanaich air A' Chrois.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]