Na h-Eileanan a-staigh
'S e buidheann de eileanan san àird an iar-thuath na h-Alba a tha anns na h-Eileanan a-staigh. Tha an cuid as motha dhiubh nam pàirt den Chomhairle Earra-Ghaidheal agus Bòd, ged a tha an t-Eilean Sgitheanach agus na h-eileanan beaga a tha timcheall air ceangailte le Comhairle a’ Ghàidhealtachd.
Tha roinn na turasachd gu math làidir air na h-eileanan. Tha na h-Eileanan a-staigh ainmeil cuideachd airson uisge-beatha, m.e.: Laphroaig neo Talisker. Tha mòran taighean–stail ann, gu h-àraidh air Ìle.
Na deich eileanan as motha
[deasaich | deasaich an tùs]Ainm | Farsaingeachd (km2) | Muinntir an àite (2001) | An t-àite as àirde (meatair) |
---|---|---|---|
an t-Eilean Sgitheanach | 1.385/1.656,3† | 9.282 | 993 |
Muile | 875,4 | 2.667 | 966 |
Ìle | 619,6 | 3.457 | 491 |
Diùra | 366,9 | 188 | 785 |
Rùm | 104,6 | 22 | 812 |
Tiriodh | 78,3 | 770 | 141 |
Colla | 76,9 | 164 | 104 |
Colbhasa | 40,7 | 108 | 143 |
Eige | 30,5 | 67 | 393 |
Lios Mòr | 23,5 | 146 | 127 |
† a-rèir dè na tùsan a chleachdar
Sa Tuath
[deasaich | deasaich an tùs]Tha na h-Eileanan a-staigh a Tuath a’ gabhail a-steach an t-Eilean Sgitheanach, na h-Eileanan Tarsainn agus cuid de na h-eileanan beaga a tha timcheall air an Eilean Sgitheanach. Tha iad nam pàirt den Chomhairle a’ Ghàidhealtachd. Seo cuid den fheadhainn bheaga:
- Na h-Eileanan Ascrib
- Na h-Eileanan Cròlainneach
- Ìosaigh
- Longaigh
- Eilean Orasaigh
- Ratharsair
- Pabaigh
- Sgalpaigh
- Sòdhaigh
- Rònaigh
- Tròndaigh
- Bhuia neo Fùidheigh
- Na h-Eileanan Samhraidh
Sa Deas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha na h-Eileanan a-staigh a Deas a’ gabhail a-steach Muile, Ìle, Diùra, na Slate Islands, na Treshnish Islands agus cuid de na h-eileanan beaga a tha timcheall air Muile. Tha iad nam pàirt den Chomhairle Earra-Ghaidheal agus Bòd. Seo cuid den fheadhainn bheaga:
- Calve Island
- Cara
- Càrna
- Colla
- Colbhasa
- Eileach an Naoimh
- Eilean Dubh Mòr
- Eilean MhicAsgain
- Eilean Rìgh
- Eorsa
- Eilean Earraid
- Garbh Eileach
- Giogha
- Gòmastra
- Gunnaigh
- Ì Chaluim Chille
- Innis Choinnich
- Cearrara
- Lios Mòr
- Colbhasa Beag
- Luinn
- Lungaigh
- Orasaigh
- Scarba
- Saoil
- Siuna
- Stafa
- Texa
- Tiriodh
- Ulbha
Earra-Ghàidheal | Colla • Colbhasa • Diùra • Gòmastra • Ì Chaluim Chille • Ìle • Lios Mòr • Muile • Orasaigh • Stafa • Tiriodh • Ulbha |
An t-Eilean Sgitheanach | Ìosaigh • Longaigh • Pabaigh • Ratharsair • Rònaigh • An t-Eilean Sgitheanach • Sgalpaigh an t-Sratha • Sòdhaigh |
Na h-Eileanan Tarsainn | Canaigh • Eige • An t-Eilean Gainmhich • Eilean nam Muc • Haoisgeir • Rùm |
Na h-Eileanan Sglèata | Beul na h-Uamha • Eilean Èisdeal • Flada • Luinn • Saoil |
Na h-Eileanan Treisinis | Am Bac Beag • Am Bac Mòr • Flada, Treisinis • Lunga |