Na h-Eileanan Cròlainneach

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Eilean Mòr, na h-Eileanan Cròlainneach

'S e buidhean de eileanan a tha anns na h-Eileanan Cròlainneach (IPA: [nə ˈhelanən ˈkʰɾɔːlˠ̪əɲəx]; Beurla: Crowlin Islands). Tha iad suidhichte eadar an t-Eilean Sgitheanach agus leth-eilean na Comraich air mòr-thìr na h-Alba. Tha Sgalpaigh san iar dheas dhiubh. 'S e seo na Co-chomharran aige: 57° 21′ 0″ Tuath, 5° 50′ 0″ Iar.

Tha iad a' gabhail a-steach:

  • Eilean Mòr
  • Eilean Meadhanach
  • Eilean Beag

Tha an t-Eilean Mòr mu mhìle a dh’fhad agus cho mòr ri 1,7 cilemeatair ceàrnagach. ‘S e Meall a’ Chòis a’ bheinn as àirde a tha anns an Eilean Mòr, tha i san àird a deas dheth. Tha uamh san àird an earra-thuath agus tha Loch nan Leac ann an meadhan an eilein. Tha taighean briste faisg air Camas na h-Annait. [1] Tha taigh-solais anns an Eilean Bheag.

Tha cladaichean ann an uamh anns an Eilean Mhòr a' sealltainn gun robh duine a’ fuireach ann 8000 bliadhna air ais. Eadar 1820 is 1920 bha iomadh theaghlaichean a’ fuireach ann. Chaidh am fuadaich bhon a' Chomraich anns na 1820an agus bha ceud aca ath tuinich anns an Eilean Mhòr. Bha iad a' feuchainn a bhith beò le iasgach agus croitearachd.[2] Ach an-dè bhliadhnaichean dh'imrich iad air ais don Chomraich, mar sin chan eil duine sam bith a' fuireach anns an eilean o chionn 1920.

Bardachd[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dàn mu Eilean Mhòr foillsichte anns an leabhar "Kindly Clouds: Poems by Alan MacGillivray", (2005, ISBN 0-9550169-0-8)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Hamish Haswell-Smith: The Scottish Islands. Canongate, Dùn Èideann 2004, ISBN 1-84195-454-3
  2. "Crowlin Press"

Ceangal a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 694 353